Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 19:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Oir tha a bhreitheanais fìor agus fìreanta, oir thug e breith air an strìopaich mhòir a thruaill an talamh le a strìopachas. Agus rinn e dìoghaltas oirre airson fuil a sheirbheiseach fo a làimh‑se.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Oir firinneach agus ceart tha bhreitheanasan-sa, a thug breth air an striopaich mhoir, a thruaill an talamh le a striopachas, agus dhiughail e fuil a sheirbhiseach air a laimh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 19:2
16 Iomraidhean Croise  

Agus tha iad a' seinn òran Mhaois, seirbheiseach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh: “Mòr is iongantach tha d' obraichean a Thighearna Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach. Tha thu fìreanta is ceart nad shlighean, Rìgh nan nàisean.


Dèan aoibhneas thairis air, nèamh is naoimh is abstoil is fàidhean, oir thug Dia breith air as ur leth.’”


Oir dh'òl na nàiseanan uile de dh'fhìon caoch a strìopachais, agus rinn rìghrean na talmhainn strìopachas leatha agus dh'fhàs luchd‑reic na talmhainn beairteach le neart a h‑ana‑miannachd.”


Agus ghlaodh iad le guth àrd ag ràdh, “Dè cho fada, a Mhaighstir naoimh is fhìor, gus an toir thu breith agus gus an dèan thu dìoghaltas airson ar fala, orrasan a tha a' còmhnaidh air an talamh?”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan