Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 18:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Oir dh'òl na nàiseanan uile de dh'fhìon caoch a strìopachais, agus rinn rìghrean na talmhainn strìopachas leatha agus dh'fhàs luchd‑reic na talmhainn beairteach le neart a h‑ana‑miannachd.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Oir dh’òl na h‑uile chinnich de fhìon fearg a strìopachais, agus rinn rìghrean na talmhainn strìopachas rithe, agus rinneadh saoibhir ceannaichean na talmhainn le pailteas a sògha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Oir dh’òl na h‑uile chinnich de fhìon fearg a strìopachais, agus rinn rìghrean na talmhainn strìopachas rithe, agus rinneadh saoibhir ceannaichean na talmhainn le pailteas a sògha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 A chionn gun dʼ ol na cinnidhean uile de dhʼ fhion fearg a striopachais, agus rinn righrean an talmhuinn striopachas rithe, us rinneadh ceannaichean an talmhuinn beairteach le miad a soghalachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 18:3
17 Iomraidhean Croise  

Dè mar sin a chaidh sibh a‑mach a dh'fhaicinn? Duine air èideadh ann an aodach mìn? Seall, tha iadsan a tha air an èideadh ann an aodach glòrmhor agus a tha beò gu sòghail rim faighinn ann an lùchairtean rìghrean.


Ach diùlt na banntraichean òga, oir nuair a tha na h‑ana‑miannan aca air an tarraing air falbh o Chrìosd, tha iad airson pòsaidh.


Agus lean aingeal eile, an dara fear, ag ràdh, “Thuit, thuit Bàbilon mhòr, a thug air na nàiseanan gu lèir fìon fearg a strìopachais òl.”


leis an d' rinn rìghrean na talmhainn strìopachais is leis an deachaidh iadsan a bha a' còmhnaidh air thalamh a chur air mhisg le fìon a strìopachais.”


Agus thilg iad dust air an cinn agus dh'èigh iad, a' gal 's a' caoidh, ag ràdh: “‘Is mairg, is mairg am baile mòr, san do dh'fhàs iadsan aig an robh soithichean air a' mhuir beairteach tron t‑saidhbhreas aige, oir ann an aon uair a thìde chaidh a chur fàs!


Agus cha dheàlraich solas lampa idir annad tuilleadh, agus cha tèid guth fir‑bainnse 's bean‑bainnse a chluinntinn idir annad tuilleadh, oir b' iad do luchd‑reic daoine mòra na talmhainn, oir le do bhuidseachd chaidh na nàiseanan gu lèir an toirt air seachran.


Mar a ghlòraich i i fhèin agus a bha i beò ann an ana‑miann, thoir uiread sin de chràdh dhi agus dòrainn, oir na cridhe tha i ag ràdh, ‘Tha mi nam shuidhe nam bhanrigh is chan eil mi nam bhanntrach agus chan fhaic mi idir bròn.’


“Agus nì rìghrean na talmhainn gal is caoidh air a son, iadsan a rinn strìopachas leatha agus a choilean ana‑miann, nuair a chì iad toit a losgaidh


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan