Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 17:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 leis an d' rinn rìghrean na talmhainn strìopachais is leis an deachaidh iadsan a bha a' còmhnaidh air thalamh a chur air mhisg le fìon a strìopachais.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Ris an do rinn rìghrean na talmhainn strìopachas, agus aig an do chuireadh luchd-àiteachaidh na talmhainn air mhisg le fìon a strìopachais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Ris an do rinn rìghrean na talmhainn strìopachas, agus aig an do chuireadh luchd‐àiteachaidh na talmhainn air mhisg le fìon a strìopachais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Ris an dʼ rinn righrean an talmhuinn striopachas, us chuireadh iadsan, a tha tamh air an talamh, air mhisg le fion a siursachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 17:2
14 Iomraidhean Croise  

agus thuirt e ris, “Tha a h‑uile duine a' tairgsinn an fhìon as fheàrr an toiseach agus às dèidh sin am fìon as miosa nuair a tha iad air gu leòr òl. Ach ghlèidh thusa am fìon as fheàrr thuige seo.”


Agus lean aingeal eile, an dara fear, ag ràdh, “Thuit, thuit Bàbilon mhòr, a thug air na nàiseanan gu lèir fìon fearg a strìopachais òl.”


Tha aon inntinn aca, agus tha iad a' toirt an cumhachd 's an t‑ùghdarras aca dhan bhèist.


Oir chuir Dia nan cridheachan a thoil‑san a dhèanamh, agus nì iad i le aon inntinn agus bheir iad an rìoghachd dhan bhèist gus an tèid faclan Dhè a choileanadh.


Agus air clàr a bathais bha ainm sgrìobhte: DÌOMHAIREACHD, BÀBILON MHÒR, MÀTHAIR NAN STRÌOPACHEAN AGUS GRÀINEALACHDAN NA TALMHAINN.


A' bhiast a chunnaic thu, bha i ann 's chan eil i ann, agus tha i gus tighinn a‑nìos às an Àibheis agus gus a dhol gu sgrios. Agus bidh iadsan a tha a' còmhnaidh air an talamh – aig a bheil ainmean nach eil air an sgrìobhadh ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail – fo iongnadh, nuair a chì iad a' bhiast a bha ann agus nach eil ann agus a bhitheas ann.


Agus cha dheàlraich solas lampa idir annad tuilleadh, agus cha tèid guth fir‑bainnse 's bean‑bainnse a chluinntinn idir annad tuilleadh, oir b' iad do luchd‑reic daoine mòra na talmhainn, oir le do bhuidseachd chaidh na nàiseanan gu lèir an toirt air seachran.


Oir dh'òl na nàiseanan uile de dh'fhìon caoch a strìopachais, agus rinn rìghrean na talmhainn strìopachas leatha agus dh'fhàs luchd‑reic na talmhainn beairteach le neart a h‑ana‑miannachd.”


“Agus nì rìghrean na talmhainn gal is caoidh air a son, iadsan a rinn strìopachas leatha agus a choilean ana‑miann, nuair a chì iad toit a losgaidh


Seall, tilgidh mi ise ann an leabaidh‑tinneis agus iadsan a tha a' dèanamh adhaltranais leatha ann an trioblaid mhòr, mura dèan iad aithreachas o na h‑obraichean aicese.


Oir ghlèidh thu facal mo leanaltais, agus gleidhidh mise thusa o uair na deuchainn a tha gus a thighinn air an t‑saoghal gu lèir airson an fheadhainn a tha a' còmhnaidh air an talamh a dhearbhadh.


agus cha do rinn iad aithreachas airson nam murt aca, no airson nan draoidheachdan aca no airson nan strìopachasan aca no airson nan goidean aca.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan