Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 16:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus dhòirt an dara fear am bobhla aige dhan mhuir; agus thionndaidh i gu fuil, mar o neach a bha marbh, agus bhàsaich a h‑uile h‑anam a bha beò sa mhuir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus thaom an dara aingeal a shoitheach anns an fhairge; agus rinneadh i mar fhuil duine mhairbh: agus fhuair gach anam beò bàs anns an fhairge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus thaom an dara aingeal a shoitheach anns an fhairge; agus rinneadh i mar fhuil duine mhairbh: agus fhuair gach anam beò bàs anns an fhairge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Agus thaom an darna aingeal a chupa sa mhuir, us chinn i ʼna fuil, mar fhuil duine mhairbh; us bhàsaich a h-uile h-anam beo sa mhuir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 16:3
10 Iomraidhean Croise  

Mar sin bha iadsan a ghabh ri fhacal‑san air am baisteadh, agus chaidh mu thrì mìle anam a chur riutha an latha sin.


Agus bha rolla beag a bh' air fhosgladh aige na làimh, agus chuir e a chas dheas air a' mhuir agus a chas chlì air an talamh.


Tha cumhachd aig an fheadhainn seo nèamh a dhùnadh, gus nach tuit uisge ann an làithean am fàidheadaireachd, agus tha cumhachd aca thairis air na h‑uisgeachan airson an tionndadh gu fuil agus airson an talamh a bhualadh leis a h‑uile plàigh cho tric 's a thoilicheas iad.


Agus sheas e air gainmheach na fairge. Agus chunnaic mi biast ag èirigh às a' mhuir, air an robh deich adhaircean is seachd cinn, agus air a h‑adhaircean, deich crùintean, agus air a cinn, ainmean toibheumach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan