Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 15:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 agus thàinig na seachd ainglean aig an robh na seachd plàighean a‑mach às an teampaill, air an èideadh ann an anart glan is soilleir, agus air an cuartachadh mun cuim le criosan òir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus thàinig a‑mach as an teampall na seachd aingil, aig an robh na seachd plàighean air an sgeadachadh le lìon-aodach glan agus dealrach, agus air an crioslachadh mun uchd le criosan òir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus thàinig a‑mach as an teampall na seachd aingil, aig an robh na seachd plàighean air an sgeadachadh le lìon‐aodach glan agus dealrach, agus air an crioslachadh mun uchd le criosan òir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Agus thainig na seachd ainglean a mach as an teampull, aig an robh na seachd plaighean, ʼs iad air an eideadh le anart glan agus geal, us crioslaichte mu ʼn uchd le criosan òir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 15:6
9 Iomraidhean Croise  

Fhad 's a bha iad ann an imcheist mun seo, seall, sheas dithis dhaoine ann an aodaichean deàlrach rin taobh.


Agus am measg nan lampair, fear coltach ri mac an duine air èideadh ann an trusgan fada agus air a chrioslachadh ma chom le crios òir.


Agus thàinig aingeal eile a‑mach às an teampaill, ag èigheach le guth àrd ris‑san a bha na shuidhe air an sgòth, “Cuir a‑mach do chorran agus buain, oir thàinig an uair airson buain, oir tha foghar na talmhainn abaich.”


Agus thàinig aingeal eile a‑mach às an teampaill a th' air nèamh, aig an robh corran geur cuideachd.


Agus chunnaic mi comharra eile air nèamh, mòr is iongantach: seachd ainglean aig an robh seachd plàighean, an fheadhainn dheireannach; oir annta sin tha fearg Dhè air a choileanadh.


Agus chaidh ceadachadh dhìse a bhith air a h‑èideadh ann an anart mìn, soilleir is fìorghlan.” (Oir 's e an t‑anart mìn obraichean fìreanta nan naomh.)


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan