Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 15:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus tha iad a' seinn òran Mhaois, seirbheiseach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh: “Mòr is iongantach tha d' obraichean a Thighearna Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach. Tha thu fìreanta is ceart nad shlighean, Rìgh nan nàisean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean-sa, a Rìgh nan naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile‐chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean‐sa, a Rìgh nan naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 ʼSa seinn laoidh Mhaois, seirbhiseach Dhe, us laoidh an Uain, a g-radh: Mor agus iongantach tha tʼ oibrichean, a Thighearna Dhia uile-chumhachdaich; ceart agus fior tha do shlighean, a Righ nan linntean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 15:3
49 Iomraidhean Croise  

Oir chaidh an lagh a thoirt tro Mhaois; ach thàinig gràs agus fìrinn tro Ìosa Crìosd.


A‑nis, do Rìgh nan linntean, neo‑bhàsmhor, neo‑fhaicsinneach, an t‑aon Dia, gu robh urram agus glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.


Agus gu deimhinn bha Maois dìleas na thaigh‑san gu lèir mar sheirbheiseach, mar theisteanas air na rudan a bha rin ràdh às dèidh sin.


“Is mise an t‑Alpha agus an t‑Omega,” tha an Tighearna Dia ag ràdh, “a tha agus a bha agus a tha a' tighinn, an t‑Uile‑Chumhachdach.”


ag ràdh: “Tha sinn a' toirt taing dhutsa a Thighearna Dhia, an t‑Uile‑Chumhachdach, a tha agus a bha, oir tha thusa air do chumhachd mòr a ghabhail agus air riaghladh.


Is iad a' seinn òran ùr mu choinneamh rìgh‑chathrach Dhè agus mu choinneamh nan ceithir creutairean beòtha agus nan èildeir, agus cha robh neach sam bith comasach air an t‑òran ionnsachadh ach a‑mhàin an ceud, ceathrad 's a ceithir mìle, iadsan a chaidh a cheannach on talamh.


Agus lean aingeal eile, an dara fear, ag ràdh, “Thuit, thuit Bàbilon mhòr, a thug air na nàiseanan gu lèir fìon fearg a strìopachais òl.”


Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra, oir is esan Tighearna nan tighearnan agus Rìgh nan rìghrean, agus tha iadsan a tha leis air an gairm, agus air an taghadh agus dìleas.”


Agus air aodach‑san agus air a shliasaid bha ainm air a sgrìobhadh: RÌGH NAN RÌGHREAN AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNAN.


Oir tha a bhreitheanais fìor agus fìreanta, oir thug e breith air an strìopaich mhòir a thruaill an talamh le a strìopachas. Agus rinn e dìoghaltas oirre airson fuil a sheirbheiseach fo a làimh‑se.”


Agus bha sia sgiathan air gach fear dhe na creutairean beòtha, agus timcheall orra 's air an taobh a‑staigh bha iad làn shùilean, agus chan eil iad a' gabhail fois a latha 's a dh'oidhche, ag ràdh: “Naomh, naomh, naomh, An Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, Esan a bha agus a tha agus a tha ri thighinn.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan