Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 13:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 An seo tha gliocas: esan aig a bheil tuigse obraicheadh e a‑mach àireamh na bèiste, oir 's e àireamh duine a th' ann, agus 's e an t‑àireamh aige sia ceud, seasgad 's a sia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 An seo tha gliocas. An tì aig a bheil tuigse, àirmheadh e àireamh an fhiadh-bheathaich: oir is àireamh duine e; agus is e a àireamh sia ceud agus trì-fichead agus sia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 An seo tha gliocas. An tì aig a bheil tuigse, àirmheadh e àireamh an fhiadh‐bheathaich: oir is àireamh duine e; agus is e a àireamh sia ceud agus trì‐fichead agus sia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 So far a bheil gliocas. Am fear aig a bheil tuigse, cunntadh aireamh an uilebheist. Oir is aireamh duine e: agus se ʼaireamh sia ciad tri-fichead agus sia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 13:18
10 Iomraidhean Croise  

“Ach nuair a chì sibh ‘gràinealachd an lèir‑sgrios’ na seasamh far nach bu chòir dhi a bhith (tuigeadh an leughadair), an uair sin teicheadh iadsan a th' ann an Iudèa gu na beanntan.


Ach ma tha ar n‑eucoir‑ne a' moladh fìreantachd Dhè, dè a chanas sinn? Gu bheil Dia eucorach ann a bhith a' leagail corraich oirnn? (Tha mi a' bruidhinn ann an dòigh daonna.)


Is beannaichte esan a tha a' leughadh agus iadsan a tha ag èisteachd ri faclan na fàidheadaireachd seo, agus a ghleidheas na tha sgrìobhte innte, oir tha an t‑àm faisg.


Agus chunnaic mi mar gum biodh uisge mar ghlainne air a mheasgachadh le teine; agus iadsan a tha a' buadhachadh thar na bèiste is thar na h‑ìomhaigh aice is thar àireamh an ainm aice, nan seasamh air a' mhuir ghlainne, is clàrsaichean aca o Dhia.


“Seo an inntinn aig a bheil gliocas; 's iad na seachd cinn seachd beanntan, air a bheil am boireannach na suidhe. Agus tha seachd rìghrean ann:


Agus thomhais e am balla aige, 65 meatair, 's e sin tomhas an aingil.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan