Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 12:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Agus bha i trom le pàiste, agus dh'èigh i le cràdh‑breith, agus i ann am pian na h‑asaid.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus air dhi a bhith torrach, ghlaodh i ri saothair-chloinne, agus bha i air a pianadh a‑chum a h‑aisead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus air dhi a bhith torrach, ghlaodh i ri saothair‐chloinne, agus bha i air a pianadh a‑chum a h‑aisead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus bha i glaodh, ʼs i lethtromach, ri saothair-chloinne, agus bha i ann an cràdh gu bhith air a h-aisead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 12:2
12 Iomraidhean Croise  

Chan eil annta seo uile ach toiseach tòiseachaidh phiantan asaid.


Nuair a tha leanabh aig boireannach, bidh i fo bhròn a chionn 's gu bheil a h‑uair air tighinn, ach nuair a tha i air an leanabh a' thoirt a‑steach dhan t‑saoghal, cha chuimhnich i air a h‑àmhghar tuilleadh, air sgàth an aoibhneis gun do rugadh leanabh a‑steach dhan t‑saoghal.


Mo chlann bheaga, dham bheil mi a‑rithist a' fulang saothair‑aiseid, gus an tèid Crìosd a dhealbh annaibh,


Oir tha e sgrìobhte: “Dèan gàirdeachas a bhean neo‑thorraich, nach eil a' breith chloinne; bris a‑mach agus leig èigh, thusa nach eil a' fulang cràdh‑breith; oir is lìonmhoire clann na mnaoi aonaranaich na na mnaoi aig a bheil fear‑pòsta.”


Agus tharraing an t‑earball aige an treas pàirt dhe na rionnagan o nèamh, agus thilg e iad chun na talmhainn. Agus sheas an dràgon air beulaibh a' bhoireannaich a bha gus leanabh a bhreith, gus an itheadh e an leanabh aice nuair a bheireadh i breith dha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan