Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 11:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Agus chì cuid de dhaoine is de threubhan is de theangannan is de nàiseanan an cuirp trì gu leth latha, is cha cheadaich iad gun tèid an cuirp a chur ann an tuam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus chì cuid de na slòigh, agus de threubhan, agus de theangaidhean, agus de chinnich, an cuirp mharbha rè thrì làithean gu leth, agus cha leig iad an cuirp mharbha a bhith air an cur ann an uaighean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus chì cuid de na slòigh, agus de threubhan, agus de theangaidhean, agus de chinnich, an cuirp mharbha rè thrì làithean gu leth, agus cha leig iad an cuirp mharbha a bhith air an cur ann an uaighean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Agus chi feadhainn de na treibhean, ʼs de na sluaghan ʼs de na teangannan, ʼs de na cinnich, an cuirp tri latha gu leth; ʼs cha n-fhuilig iad an cuirp a chur an uaighean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 11:9
14 Iomraidhean Croise  

Agus thuirt e rium, “'S iad na h‑uisgeachan a chunnaic thu, far an robh an strìopach na suidhe, daoine is slòigh is nàiseanan is teangannan.


Ach às dèidh nan trì latha gu leth, chaidh anail beatha o Dhia a‑steach annta agus sheas iad suas air an casan, agus thuit eagal mòr orrasan a chunnaic iad.


Agus thuirt iad rium, “Feumaidh tu fàidheadaireachd a dhèanamh a‑rithist, mu mhòran dhaoine is nàiseanan is theangannan is rìghrean.”


Agus chaidh a cheadachadh dhi cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh agus buaidh fhaighinn thairis orra, agus chaidh ùghdarras a thoirt dhi thar a h‑uile treubh is sluagh is teanga is nàisean.


Agus nuair a thug e uaithe an rolla, thuit na ceithir creutairean beòtha agus na fichead 's a ceithir èildear mu choinneamh an Uain; agus bha clàrsach agus bobhlaichean òir, a bha làn tùise, aig gach fear dhiubh; is e sin ùrnaighean nan naomh.


Oir leis a' bhreith leis an toir sibh breith, thèid breith a thoirt oirbh, agus leis an tomhas a chleachdas sibh, thèid a thomhas dhuibh.


Agus sheinn iad òran ùr, ag ràdh: “Is airidh thusa air an rolla a ghabhail agus air a sheulachan fhosgladh, oir chaidh do mharbhadh agus cheannaich thu daoine do Dhia led fhuil, às gach treubh is teanga is sluagh is nàisean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan