Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 11:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus bheir mi ùghdarras dhan dithis fhianaisean agam, agus nì iad fàidheadaireachd airson mìle, dà cheud agus seasgad latha, 's iad air an èideadh ann an sac‑aodach.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus bheir mise cumhachd dom dhithis fhianaisean, agus nì iad fàidheadaireachd rè mìle agus dà cheud agus trì-fichead là, èidichte ann an sac-aodach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus bheir mise cumhachd dom dhithis fhianaisean, agus nì iad fàidheadaireachd rè mìle agus dà cheud agus trì‐fichead là, èidichte ann an sac‐aodach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Agus bheir mi ordugh dha mo dhà fhianuis, us ni iad faisneachd mìle dà chiad ʼs tri fichead latha, air an eideadh ann an sac-aodach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 11:3
43 Iomraidhean Croise  

“Is mairg dhut, a Chorasin! Is mairg dhut, a Bhetsaida! Oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a chaidh a dhèanamh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus is ann an Sìdon, is fhada on a bhiodh iad air aithreachas a dhèanamh ann an sac‑aodach 's ann an luaithre.


Ach mura h‑èist e riut, thoir leat aon no dithis eile, airson 's tro bheul dhithis no thriùir fhianaisean gum bi gach facal air a dhèanamh seasmhach.


“Is mairg dhut, a Chorasin! Is mairg dhut, a Bhetsaida! Oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a bh' air an dèanamh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus is ann an Sìdon, is fhada on a bhiodh iad air aithreachas a dhèanamh, nan suidhe ann an saic‑aodach 's ann an luaithre.


Tha sibh nur fianaisean air na rudan seo.


Agus bheir sibhse fianais cuideachd, a chionn 's gu bheil sibh air a bhith còmhla rium on toiseach.


Fhreagair Eòin, “Chan urrainn do neach rud fhaighinn ach na tha air a thoirt dha o nèamh.


Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh, agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa ann an Ierusalem agus ann an Iudèa gu lèir agus ann an Samaria, agus gu crìoch na talmhainn.”


agus thairis air mòran làithean nochd e riuthasan a bh' air tighinn suas còmhla ris o Ghalile gu Ierusalem, a tha a‑nis nam fianaisean dhàsan dhan t‑sluagh.


An t‑Ìosa seo thog Dia suas, agus dhe sin tha sinne uile nar fianaisean.


agus mharbh sibh Ùghdar na Beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.


Agus shuidhich Dia san eaglais an toiseach abstoil, san dara h‑àite fàidhean, san treas àite luchd‑teagaisg, an uair sin mìorbhailean, an uair sin tiodhlacan leighis, luchd‑cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh seòrsa teanga.


Is e seo an treas uair a tha mi a' tighinn thugaibh, “Ann am beul dithis no triùir fhianaisean feumaidh a h‑uile facal a bhith air a dhèanamh seasmhach.”


Agus thug e cuid mar abstoil, agus cuid mar fhàidhean, agus cuid eile mar shoisgeulaichean agus cuid eile mar aoghairean is luchd‑teagaisg,


Agus o Ìosa Crìosd, an fhianais dìleas, an ciad‑ghin o na mairbh, agus riaghladair rìghrean na talmhainn. Dhàsan a tha gar gràdhachadh agus a shaor sinn o ar peacaidhean le fhuil fhèin,


Ach fàg a‑mach a' chùirt a‑muigh dhen teampall agus na tomhais i, oir bha i air a toirt dha na Cinnich; agus stampaidh iad am baile naomh fon casan fad ceathrad mìos 's a dhà.


Tha cumhachd aig an fheadhainn seo nèamh a dhùnadh, gus nach tuit uisge ann an làithean am fàidheadaireachd, agus tha cumhachd aca thairis air na h‑uisgeachan airson an tionndadh gu fuil agus airson an talamh a bhualadh leis a h‑uile plàigh cho tric 's a thoilicheas iad.


Agus theich am boireannach dhan fhàsach, far an robh àite aice air ullachadh an sin le Dia, airson 's gum biodh i air a beathachadh airson mìle, dà cheud is seasgad latha.


Agus chaidh beul a thoirt dhi ag ràdh rudan mòra is toibheuman. Agus chaidh ùghdarras a thoirt dhi airson obrachadh ceathrad mìos is a dhà.


Agus thuit mi mu choinneamh a chasan gus adhradh a dhèanamh dha, agus thuirt e rium, “Faic nach dèan thu sin, oir is e co‑sheirbheiseach dhut a th' annamsa agus dhad bhràithrean, iadsan aig a bheil teisteanas Ìosa. Dèan adhradh do Dhia, oir is e teisteanas Ìosa spiorad na fàidheadaireachd.”


Agus chunnaic mi rìgh‑chathraichean agus shuidh iad orra agus chaidh breitheanas a thoirt dhaibh, agus chunnaic mi anman na feadhna on deach an cinn a thoirt airson teisteanas Ìosa agus air sgàth facal Dhè, agus iadsan nach do rinn adhradh dhan bhèist no dhan ìomhaigh aice agus nach d' fhuair an comharra air clàr am bathais 's air an làmhan, agus thàinig iad beò is rìoghaich iad còmhla ri Crìosd airson mìle bliadhna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan