Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 11:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Ach fàg a‑mach a' chùirt a‑muigh dhen teampall agus na tomhais i, oir bha i air a toirt dha na Cinnich; agus stampaidh iad am baile naomh fon casan fad ceathrad mìos 's a dhà.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Ach fàg a‑mach a’ chùirt a tha an taobh a‑muigh den teampall, agus na tomhais i, oir thugadh i do na Cinnich: agus saltraidh iad fo an casan am baile naomh rè dà mhìos agus dà‑fhichead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Ach fàg a‑mach a’ chùirt a tha an taobh a‑muigh den teampall, agus na tomhais i, oir thugadh i do na Cinnich: agus saltraidh iad fo an casan am baile naomh rè dà mhìos agus dà‑fhichead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Ach a chùirt, a tha air taobh-mach an teampuill, tilg a mach, ʼs na tomhais i: a chionn gun tugadh i do na cinnich, agus saltraidh iad air a bhaile naomh dàfhichead mios agus a dhà:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 11:2
32 Iomraidhean Croise  

agus a' tighinn a‑mach às na tuaman às dèidh na h‑aiseirigh aigesan chaidh iad a‑steach dhan bhaile naomh, agus nochd iad ri mòran.


An uair sin thug an diabhal e chun a' bhaile naoimh agus chuir e air binnean an teampaill e


“Is sibhse salann na talmhainn, ach ma tha an salann air a bhlas a chall, ciamar a thèid a dhèanamh saillte a‑rithist? Chan eil e feumail tuilleadh airson rud sam bith, ach airson a bhith air a thilgeil a‑mach agus air a shaltairt fo chasan dhaoine.


Tuitidh iad le faobhar a' chlaidheimh, agus thèid an treòrachadh ann am braighdeanas a‑steach dha na nàiseanan gu lèir. Bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich gus an tèid amannan nan Cinneach a choileanadh.


Nach ann nas miosa a shaoileas sibh a bhios am peanas a tha freagarrach dhàsan a shaltair Mac Dhè fo a chasan, a thruaill fuil a' chùmhnaint leis an deach a naomhachadh agus a thàmailtich Spiorad a' ghràis?


Ach às dèidh nan trì latha gu leth, chaidh anail beatha o Dhia a‑steach annta agus sheas iad suas air an casan, agus thuit eagal mòr orrasan a chunnaic iad.


Agus bheir mi ùghdarras dhan dithis fhianaisean agam, agus nì iad fàidheadaireachd airson mìle, dà cheud agus seasgad latha, 's iad air an èideadh ann an sac‑aodach.”


Agus theich am boireannach dhan fhàsach, far an robh àite aice air ullachadh an sin le Dia, airson 's gum biodh i air a beathachadh airson mìle, dà cheud is seasgad latha.


Agus ghiùlain e mi air falbh san spiorad gu beinn mhòr is àrd, agus sheall e dhomh am baile naomh, Ierusalem – a' tighinn a‑nuas à nèamh o Dhia –


Agus chunnaic mi am baile naomh, an t‑Ierusalem ùr, a' tighinn a‑nuas à nèamh o Dhia, air ullachadh mar bhean‑bainnse a bh' air a sgeadachadh airson a fir‑bainnse.


Agus ma bheir neach sam bith air falbh o fhacail leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia air falbh a phàirt‑san o chraobh na beatha 's às a' bhaile naomh, is dhe na rudan a th' air an sgrìobhadh san leabhar seo.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan