Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 11:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 Ach às dèidh nan trì latha gu leth, chaidh anail beatha o Dhia a‑steach annta agus sheas iad suas air an casan, agus thuit eagal mòr orrasan a chunnaic iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus an dèidh trì làithean gu leth, chaidh Spiorad na beatha o Dhia a‑steach annta, agus sheas iad air an casan; agus thuit eagal mòr orrasan a chunnaic iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus an dèidh trì làithean gu leth, chaidh Spiorad na beatha o Dhia a‑steach annta, agus sheas iad air an casan; agus thuit eagal mòr orrasan a chunnaic iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 ʼS an deigh thri latha gu leth, chaidh spiorad na beatha bho Dhia a stigh unnta. Agus sheas iad air an casan, us thuit eagal mor orrasan a chunnaic iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 11:11
11 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig eagal mòr air an eaglais gu lèir, agus orrasan uile a chuala mu na rudan seo.


Nuair a chuala Ananias na briathran seo, thuit e sìos is chaidh an deò às. Agus thàinig eagal mòr orrasan uile a chuala ma dheidhinn.


Ma tha an Spiorad aigesan a thog Ìosa o na mairbh a' còmhnaidh annaibh, bheir esan a thog Crìosd o na mairbh cuideachd beatha dhar bodhaigean bàsmhor, tro chòmhnaidh an Spioraid annaibh.


Oir tha lagh Spiorad na beatha, ann an Crìosd Ìosa, air do shaoradh o lagh a' pheacaidh agus a' bhàis.


Agus aig an àm sin thachair crith‑thalmhainn mhòr agus thuit an deicheamh pàirt dhen bhaile agus chaidh seachd mìle pearsa a mharbhadh anns a' chrith‑thalmhainn, agus bha eagal air a' chòrr aca agus thug iad glòir do Dhia nèimh.


Agus chì cuid de dhaoine is de threubhan is de theangannan is de nàiseanan an cuirp trì gu leth latha, is cha cheadaich iad gun tèid an cuirp a chur ann an tuam.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan