Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 10:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus dh'èigh e le guth àrd mar a bheucas leòmhann agus nuair a dh'èigh e, bhruidhinn na seachd tàirneanaich le an guthan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus ghlaodh e le guth àrd, mar a bheucas leòmhann; agus nuair a ghlaodh e, labhair seachd tàirneanaich an guthan fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus ghlaodh e le guth àrd, mar a bheucas leòmhann; agus nuair a ghlaodh e, labhair seachd tàirneanaich an guthan fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Agus ghlaodh e le guth ard, mar a bheuchdas leomhan. ʼS an deigh dha eigheach, labhair seachd tairneanaich an guthan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 10:3
16 Iomraidhean Croise  

Agus chuala mi fuaim o nèamh mar fhuaim mhòran uisgeachan agus mar fhuaim thàirneanaich mhòir, agus bha am fuaim a chuala mi mar chlàrsairean ri clàrsaireachd len clàrsaichean.


Agus chunnaic mi comharra eile air nèamh, mòr is iongantach: seachd ainglean aig an robh seachd plàighean, an fheadhainn dheireannach; oir annta sin tha fearg Dhè air a choileanadh.


Agus thug aon dhe na ceithir creutairean beòtha dha na seachd ainglean, seachd bobhlaichean òir, a bha làn de dh'fheirge Dhè, a tha beò gu saoghal nan saoghal.


Agus a‑mach às an rìgh‑chathair thàinig dealanaich is fuaimean is tàirneanaich. Agus bha seachd lampaichean teine a' losgadh mu choinneamh na rìgh‑chathrach; is iadsan seachd spioradan Dhè.


Agus às dèidh dhan aingeal an tùisear a ghabhail agus a lìonadh le teine on altair, thilg e chun na talmhainn e, agus bha tàirneanaich is fuaimean is boillsgidhean dhealanach is crith‑thalmhainn ann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan