Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Bha mise, Eòin – ur bràthair a tha nam chom‑pàirtiche leibh ann an trioblaid is ann an rìoghachd agus ann an leanaltas ann an Ìosa – air an eilean ris an canar Patmos air sgàth facal Dhè agus teisteanas Chrìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Bha mise Eòin, ur dearbh‐bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Bha mise, Eoin, ur brathair, ʼs ur companach ann an trioblaid, agus ann an rioghachd, ʼs ann am faighidin Iosa Criosta, ann an eilein ris an abrar Patmos, air son facal De, agus air son teisteanas Iosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:9
35 Iomraidhean Croise  

Thuirt esan riutha, “Òlaidh sibh mo chupa‑sa, ach a bhith a' suidhe air mo làimh dheis agus chlì, cha leamsa sin airson a bhuileachadh, ach tha sin dhaibhsan dham bheil e air ullachadh lem Athair.”


Thuirt iadsan ris, “Tha sinn an comas.” Ach thuirt Ìosa riutha, “An cupa a dh'òlas mise, òlaidh sibhse, agus leis a' bhaisteadh leis an tèid mise a bhaisteadh thèid sibhse a bhaisteadh,


“Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh airson 's gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh. Ach biodh deagh mhisneachd agaibh! Thug mise buaidh air an t‑saoghal.”


Anns na làithean sin sheas Peadar am measg nam bràithrean (b' e àireamh na feadhna a bha an làthair mu cheud is fichead) agus thuirt e,


a' neartachadh anman nan deisciobal, agus gam misneachadh gus a bhith a' leantainn orra sa chreideamh, agus ag ràdh gur ann tro iomadh àmhghar a dh'fheumas sinn a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.


agus mas clann, mar sin oighreachan – oighreachan do Dhia agus co‑oighreachan cuide ri Crìosd, mas e 's gum fulaing sinn dha‑rìribh còmhla ris, airson 's gun tèid ar glòrachadh còmhla ris.


Ach ma tha sinn an dòchas airson an rud nach eil sinn a' faicinn, tha sinn a' feitheamh gu foighidneach air a shon.


Agus tha ar dòchas air ur son‑se daingeann, le fios againn, mar a tha sibh nur luchd‑compàirt nar fulangasan‑ne, gum bi sibh cuideachd nur luchd‑compàirt nar cofhurtachd.


Oir tha e ceart dhòmhsa a bhith a' faireachdainn mar seo mur deidhinn gu lèir, a chionn 's gu bheil sibh agam nam chridhe, oir tha sibh uile nur luchd‑compàirt de ghràs còmhla rium, an dà chuid nam phrìosanachadh agus ann an dìon is dearbhadh an t‑soisgeil.


A dh'aindeoin sin, is math a rinn sibh compàirteachadh leam nam thrioblaid.


A‑nis, gun treòraicheadh an Tighearna ur cridheachan a‑steach do ghràdh Dhè 's a‑steach do leanaltas Chrìosd.


Mar sin na biodh nàire ort mu theisteanas ar Tighearna, no dhìomsa, a phrìosanach‑san, ach gabh compàirt leamsa ann am fulang airson an t‑soisgeil, a rèir cumhachd Dhè.


Oir tha feum agaibh air fulangas airson duais ur geallaidh fhaighinn às dèidh toil Dhè a dhèanamh.


Mar sin, na h‑èildeirean nur measg, tha mi a' misneachadh, mar cho‑èildeir 's mar fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar chom‑pàirtichean dhen ghlòir a tha gu bhith air fhoillseachadh,


Taisbeanadh Ìosa Crìosd, a thug Dia dha airson foillseachadh dha sheirbheisich na rudan a dh'fheumas tachairt a dh'aithghearr; agus a rinn e aithnichte 's a chuir e, leis an aingeal aige, gu a sheirbheiseach Eòin,


a thug fianais mu fhacal Dhè is mu theisteanas Ìosa Crìosd, na h‑uimhir 's a chunnaic e.


Eòin, Gu na seachd eaglaisean ann an Àisia: Gràs dhuibh agus sìth uaithesan a tha agus a bha agus a tha a' tighinn agus o na seachd spioradan a tha mu choinneamh a rìgh‑chathrach‑san.


agus a rinn sinn nar rìoghachd, sagartan do Dhia 's dha Athair‑san – dhàsan gu robh a' ghlòir agus a' chumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.


Agus nuair a chrìochnaicheas iad an teisteanas, nì a' bhiast a thig a‑nìos à sloc na h‑Àibheis cogadh leotha, agus buadhaichidh i thairis orra agus marbhaidh i iad.


Agus bhuadhaich iad thairis air, tro fhuil an Uain, agus tro fhacal am fianais‑san, agus cha do ghràdhaich iad am beatha fhèin, eadhon gu bàs.


Bha an dràgon feargach ris a' bhoireannach, agus dh'fhalbh e gus cogadh ris a' chòrr dhe a sìol, iadsan a tha a' gleidheadh òrduighean Dhè agus aig a bheil teisteanas Ìosa.


Ma tha neach sam bith gus a dhol am braighdeanas, thèid e am braighdeanas. Ma tha neach sam bith gu bhith air a mharbhadh leis a' chlaidheamh, thèid a mharbhadh leis a' chlaidheamh. Ann an seo tha leanaltas is creideamh nan naomh.


'S ann an seo a tha leanaltas nan naomh, iadsan a tha a' gleidheadh àithntean Dhè agus creideamh Ìosa.


Agus thuit mi mu choinneamh a chasan gus adhradh a dhèanamh dha, agus thuirt e rium, “Faic nach dèan thu sin, oir is e co‑sheirbheiseach dhut a th' annamsa agus dhad bhràithrean, iadsan aig a bheil teisteanas Ìosa. Dèan adhradh do Dhia, oir is e teisteanas Ìosa spiorad na fàidheadaireachd.”


Agus chunnaic mi rìgh‑chathraichean agus shuidh iad orra agus chaidh breitheanas a thoirt dhaibh, agus chunnaic mi anman na feadhna on deach an cinn a thoirt airson teisteanas Ìosa agus air sgàth facal Dhè, agus iadsan nach do rinn adhradh dhan bhèist no dhan ìomhaigh aice agus nach d' fhuair an comharra air clàr am bathais 's air an làmhan, agus thàinig iad beò is rìoghaich iad còmhla ri Crìosd airson mìle bliadhna.


Oir ghlèidh thu facal mo leanaltais, agus gleidhidh mise thusa o uair na deuchainn a tha gus a thighinn air an t‑saoghal gu lèir airson an fheadhainn a tha a' còmhnaidh air an talamh a dhearbhadh.


Agus nuair a dh'fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anman na feadhna a chaidh a mharbhadh airson facal Dhè 's airson an teisteanais a ghlèidh iad.


Agus thuirt mise ris, “Mo thighearna, 's ann dhutsa as aithne.” Agus thuirt e rium, “'S iad seo iadsan a thàinig tron trioblaid mhòir agus nigh iad an culaidhean agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan