Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 “Is mise an t‑Alpha agus an t‑Omega,” tha an Tighearna Dia ag ràdh, “a tha agus a bha agus a tha a' tighinn, an t‑Uile‑Chumhachdach.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile‐chumhachdach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Is mise Alpha agus Omega, an toiseach ʼs an deireadh, os an Tighearna Dia: an t-Uile-chumhachdach, a tha, ʼsa bha, ʼsa tha ri tighinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:8
29 Iomraidhean Croise  

Agus “Bidh mise nam Athair dhuibh, agus bidh sibhse nur mic is nur nigheanan dhòmhsa, tha an Tighearna uile‑chumhachdach ag ràdh.”


ag ràdh, “Na chì thu, sgrìobh ann an rolla, agus cuir gu na seachd eaglaisean e, gu Ephesus agus gu Smirna agus gu Pergamos agus gu Tiatìra agus gu Sardis agus gu Philadelphia agus gu Laodicèa.”


Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi aig a chasan mar dhuine marbh. Agus chuir e a làmh dheas orm ag ràdh, “Na biodh eagal ort! Is mise a' chiad neach 's an neach mu dheireadh,


Eòin, Gu na seachd eaglaisean ann an Àisia: Gràs dhuibh agus sìth uaithesan a tha agus a bha agus a tha a' tighinn agus o na seachd spioradan a tha mu choinneamh a rìgh‑chathrach‑san.


ag ràdh: “Tha sinn a' toirt taing dhutsa a Thighearna Dhia, an t‑Uile‑Chumhachdach, a tha agus a bha, oir tha thusa air do chumhachd mòr a ghabhail agus air riaghladh.


Agus tha iad a' seinn òran Mhaois, seirbheiseach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh: “Mòr is iongantach tha d' obraichean a Thighearna Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach. Tha thu fìreanta is ceart nad shlighean, Rìgh nan nàisean.


Oir b' iad sin spioradan dheamhan, a' dèanamh chomharraidhean, a tha a' dol a‑mach gu rìghrean na talmhainn gu lèir airson an cruinneachadh gu cath latha mòr an Dè Uile‑Chumhachdaich.


Agus chuala mi neach on altair ag ràdh: “Seadh, a Thighearna Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach, fìor is fìreanta tha do bhreitheanasan.”


Agus às a bheul chaidh claidheamh geur a‑mach, airson 's gum buaileadh e na nàiseanan, agus nì e am buachailleachd le slat iarainn, agus tha e a' stampadh amar‑fìona corraich fearg Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach.


Agus chuala mi, mar gum biodh, fuaim sluagh mòr agus, mar gum biodh, fuaim mhòran uisgeachan agus, mar gum biodh, fuaim thàirneanach cumhachdach, ag ràdh: “Haleluia! oir tha an Tighearna ar Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, a' riaghladh thairis oirnn.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Smirna, sgrìobh: Seo na rudan a tha e ag ràdh, a' chiad neach 's an neach mu dheireadh, a bha marbh agus a tha beò:


Agus chan fhaca mi teampall ann, oir is e an Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, agus an t‑Uan, a tha na theampall ann.


Agus thuirt e rium, “Tha seo dèante, Is mise an t‑Alpha 's an t‑Omega, an toiseach 's an deireadh. Bheir mise dhàsan air a bheil pathadh, de dh'fhuaran uisge na beatha, an asgaidh.


Is mise an t‑Alpha agus an t‑Omega, a' chiad neach agus an neach deireannach, an toiseach agus an deireadh.


Agus bha sia sgiathan air gach fear dhe na creutairean beòtha, agus timcheall orra 's air an taobh a‑staigh bha iad làn shùilean, agus chan eil iad a' gabhail fois a latha 's a dh'oidhche, ag ràdh: “Naomh, naomh, naomh, An Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, Esan a bha agus a tha agus a tha ri thighinn.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan