Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 “Seallaibh! Tha e tighinn le na sgòthan, agus chì a h‑uile sùil e, eadhon iadsan a lot e; agus nì treubhan na talmhainn gu lèir caoidh air a shon.” 'S iad a nì. Amen.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon-san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon‐san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Faic, tha e tighinn leis na neoil, agus chi a h-uile suil e, us iadsan cuideachd a lot e. Agus guilidh treibhean an talmhuinn uile air an son fhein as a leth: Mar sin biodh. Amen.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:7
36 Iomraidhean Croise  

Oir tha Mac an Duine a' dol a thighinn ann an glòir Athar, le na h‑ainglean aige, agus an uair sin bheir e air ais do gach neach a rèir na rinn e.


Tha mise ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil cuid dhiubhsan nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad Mac an Duine a' tighinn na rìoghachd fhèin.”


“An uair sin nochdaidh comharra Mhic an Duine ann an nèamh, 's an uair sin nì treubhan na talmhainn gu lèir caoidh, agus chì iad Mac an Duine a' tighinn air sgòthan nèimh, le cumhachd agus glòir ro mhòr.


“Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile còmhla ris, suidhidh e an uair sin air rìgh‑chathair a ghlòire.


Thuirt Ìosa ris, “Thuirt thu e. Ach tha mi ag ràdh ribh, às dèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deas‑làimh a' Chumhachd, agus a' tighinn air neòil nèimh.”


“Agus an uair sin chì iad Mac an Duine a' tighinn ann an sgòthan, le mòr‑chumhachd agus glòir.


Agus thuirt Ìosa, “Is mi, agus chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deas‑làimh a' Chumhachd, agus a' tighinn cuide ri neòil nèimh.”


Agus an uair sin chì iad Mac an Duine a' tighinn ann an sgòth, le cumhachd agus mòr‑ghlòir.


Ach lot aon dhe na saighdearan a chliathaich le sleagh, agus anns a' bhad thàinig fuil agus uisge a‑mach.


agus a‑rithist tha Sgriobtar eile ag ràdh, “Coimheadaidh iad airsan a lot iad.”


agus gus feitheamh ri a mhac‑san o nèimh, a thog esan o na mairbh – Ìosa, an neach a shaor sinn on fheirg a tha ri thighinn.


An uair sin bidh sinne a tha beò agus a' mhaireas, air ar glacadh suas còmhla riuthasan sna sgòthan, gus coinneachadh ris an Tighearna san adhar; agus mar sin bidh sinn còmhla ris an‑còmhnaidh.


Nach ann nas miosa a shaoileas sibh a bhios am peanas a tha freagarrach dhàsan a shaltair Mac Dhè fo a chasan, a thruaill fuil a' chùmhnaint leis an deach a naomhachadh agus a thàmailtich Spiorad a' ghràis?


agus a thuit air falbh, an t‑aithreachas aca ath‑nuadhachadh a‑rithist, oir tha iad a' ceusadh a‑rithist dhaib' fhèin Mac Dhè agus a' dèanamh culaidh‑mhagaidh phoblaich dheth.


A mhuinntir ghràdhaichte, tha sinne a‑nis nar cloinn do Dhia, agus cha deach a dhèanamh follaiseach fhathast dè a bhios annainn. Ach tha fios againn nuair a nochdas e, gum bi sinn coltach ris, oir chì sinn e dìreach mar a tha e.


Agus cuideachd rinn Enoch, a bha dhen t‑seachdamh ginealach o Àdhamh, fàidheadaireachd mun deidhinn, ag ràdh, “Seall, thàinig an Tighearna le deich mìle dhen fheadhainn naomh aige,


Tha an neach a tha a' toirt fianais air na rudan seo ag ràdh, “Seadh, tha mi a' tighinn gu luath.” Amen. Thig, a Thighearna Ìosa.


Agus chì iad aghaidh‑san agus bidh an t‑ainm aige air clàr am bathaisean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan