Taisbeanadh 1:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20175 Agus o Ìosa Crìosd, an fhianais dìleas, an ciad‑ghin o na mairbh, agus riaghladair rìghrean na talmhainn. Dhàsan a tha gar gràdhachadh agus a shaor sinn o ar peacaidhean le fhuil fhèin, Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19925 Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin, Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19925 Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad‐ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin, Faic an caibideilLaoidhean o na Sgriobtaran Naomha 19875 'S tu 'n ciad neach, 's an neach deireannach, 's leat bith gun tùs gun chrìoch; Maith, glic, is uile‑chumhachdach, bha tha thu, 's bithidh chaoidh. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 18755 Agus bho Iosa Criosta, an fhianuis dhileas, ciadghin nam marbh, agus prionns righrean an talmhuinn, a thug gaol duinn, ʼsa ghlan sinn bho ʼr peacannan ʼna fhuil fhein, Faic an caibideil |
An uair sin thuirt Pìlat ris, “Mar sin, 's e rìgh a th' annad?” Fhreagair Ìosa, “Tha thusa ag ràdh gur e rìgh a th' annam. Is ann air an adhbhar seo a rugadh mi agus air an adhbhar seo a tha mi air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal, airson 's gun toirinn fianais air an fhìrinn. Èistidh gach neach a tha dhen fhìrinn rim ghuth‑sa.”
a rùnaich Dia mar ìobairt‑rèitich leis an fhuil aige, air a shealbhachadh tro chreideamh. Bha seo airson fìreantachd Dhè fhoillseachadh, a chionn 's na fhad‑fhulangas gun robh e air gabhail seachad air peacaidhean a chaidh an dèanamh roimhe. Bha e airson an fhìreantachd aigesan fhoillseachadh sa cheart àm seo, airson 's gum biodh e cothromach is na fhear‑fhìreanachaidh dhan neach aig a bheil creideamh ann an Ìosa.