Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Eòin, Gu na seachd eaglaisean ann an Àisia: Gràs dhuibh agus sìth uaithesan a tha agus a bha agus a tha a' tighinn agus o na seachd spioradan a tha mu choinneamh a rìgh‑chathrach‑san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh‐chathrach‐san;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

4 Feuch teachd mhic Dhè air neulan tiugh, 's ro‑ait, le shluagh an latha; Ach guilidh a luchd‑casgraidh truagh, le àmhghar is le cràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Eoin thun nan seachd eaglaisean a thʼ ann an Asia. Grasan gun robh dhuibhse agus sith bhuaithe-san, a tha, ʼsa bha, ʼsa tha ri tighinn; agus bho na seachd spioraid, a tha air bialaobh a chathrach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:4
41 Iomraidhean Croise  

Anns an toiseach bha am Facal, agus bha am Facal còmhla ri Dia, agus b' e am Facal Dia.


Lean seo airson dà bhliadhna, air chor is gun cuala luchd‑còmhnaidh na h‑Àisia gu lèir facal an Tighearna, an dà chuid Iùdhaich agus Greugaich.


Partaich is Medich is Elamaich is luchd‑còmhnaidh Mhesopotamia, Iudèa is Chapadòcia, Phontuis is Àisia,


Gu na h‑uile a th' anns an Ròimh a th' air an gràdhachadh le Dia agus a th' air an gairm gus a bhith nan naoimh: Gràs dhuibhse agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus on Tighearna Ìosa Crìosd.


Gràs dhuibh agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus an Tighearna Ìosa Crìosd.


Gràs dhuibh agus sìth o Dhia ar n‑athair agus on Tighearn Ìosa Crìosd.


Tha Ìosa Crìosd ceudna an dè, agus an‑diugh agus gu sìorraidh.


Tha gach deagh ghibht is gach gibht coileanta o shuas, a' tighinn a‑nuas bho Athair nan solas, anns nach eil fiaradh no sgàil atharrachaidh.


Taisbeanadh Ìosa Crìosd, a thug Dia dha airson foillseachadh dha sheirbheisich na rudan a dh'fheumas tachairt a dh'aithghearr; agus a rinn e aithnichte 's a chuir e, leis an aingeal aige, gu a sheirbheiseach Eòin,


ag ràdh, “Na chì thu, sgrìobh ann an rolla, agus cuir gu na seachd eaglaisean e, gu Ephesus agus gu Smirna agus gu Pergamos agus gu Tiatìra agus gu Sardis agus gu Philadelphia agus gu Laodicèa.”


Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi aig a chasan mar dhuine marbh. Agus chuir e a làmh dheas orm ag ràdh, “Na biodh eagal ort! Is mise a' chiad neach 's an neach mu dheireadh,


Dìomhaireachd nan seachd rionnagan a chunnaic thu nam làimh‑dheis, agus na seachd lampairean òir: 's iad na seachd rionnagan na h‑ainglean aig na seachd eaglaisean, agus 's iad na seachd lampairean na seachd eaglaisean.


“Is mise an t‑Alpha agus an t‑Omega,” tha an Tighearna Dia ag ràdh, “a tha agus a bha agus a tha a' tighinn, an t‑Uile‑Chumhachdach.”


Bha mise, Eòin – ur bràthair a tha nam chom‑pàirtiche leibh ann an trioblaid is ann an rìoghachd agus ann an leanaltas ann an Ìosa – air an eilean ris an canar Patmos air sgàth facal Dhè agus teisteanas Chrìosd.


Agus chuala mi aingeal nan uisgeachan ag ràdh: “Is fìreanta thusa a tha agus a bha, An Tì Naomh, oir thug thu breith air na rudan seo.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Pergamos, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil an claidheamh geur, dà‑fhaobhair ag ràdh,


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Tiatìra, sgrìobh: Seo na rudan a tha Mac Dhè ag ràdh, esan aig a bheil a shùilean mar lasair theine agus a chasan coltach ri umha fìorghlan:


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Smirna, sgrìobh: Seo na rudan a tha e ag ràdh, a' chiad neach 's an neach mu dheireadh, a bha marbh agus a tha beò:


“Chuir mise, Ìosa, m' aingeal a thoirt fianais dhuibhse mu na rudan seo, às leth nan eaglaisean. Is mise freumh is gineal Dhaibhaidh, reul dheàlrach na maidne.”


Agus is mise Eòin, a chuala 's a chunnaic na rudan seo. Agus nuair a chuala 's a chunnaic mi iad, thuit mi a dh'adhradh aig casan an aingil a dh'fhoillsich na rudan seo dhomh.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Sardis, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil seachd spioradan Dhè agus na seachd rionnagan ag ràdh, Tha fios agam air d' obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, ach tha thu marbh!


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Laodicèa, sgrìobh: Seo na rudan a tha an t‑Amen, an fhianais dhìleas agus fhìor, toiseach cruthachaidh Dhè, ag ràdh,


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Philadelphia, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan ag ràdh, an Aon Naomh, an Aon Fìor, an Aon aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Aon a tha a' fosgladh 's nach dùin neach sam bith, agus a dhùineas is nach fosgail neach sam bith:


Agus a‑mach às an rìgh‑chathair thàinig dealanaich is fuaimean is tàirneanaich. Agus bha seachd lampaichean teine a' losgadh mu choinneamh na rìgh‑chathrach; is iadsan seachd spioradan Dhè.


Agus bha sia sgiathan air gach fear dhe na creutairean beòtha, agus timcheall orra 's air an taobh a‑staigh bha iad làn shùilean, agus chan eil iad a' gabhail fois a latha 's a dh'oidhche, ag ràdh: “Naomh, naomh, naomh, An Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, Esan a bha agus a tha agus a tha ri thighinn.”


Agus chunnaic mi eadar an rìgh‑chathair agus na ceithir creutairean beòtha, agus ann am measg nan èildearan, Uan mar gum biodh e air a mharbhadh, air an robh seachd adhaircean agus seachd sùilean; is iadsan seachd spioradan Dhè, a th' air an cur dhan t‑saoghal gu lèir.


Agus chunnaic mi na seachd ainglean a tha nan seasamh mu choinneamh Dhè, agus chaidh seachd trombaidean a thoirt dhaibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan