Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:19 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

19 “Mar sin, sgrìobh na chunnaic thu, agus na rudan a tha ann, agus a tha a' dol a thachairt nan dèidh‑san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

19 Sgrìobh na nithean a chunnaic thu, agus na nithean a tha ann, agus na nithean a bhitheas an dèidh seo:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

19 Sgrìobh na nithean a chunnaic thu, agus na nithean a tha ann, agus na nithean a bhitheas an dèidh seo:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

19 Sgriobh ma ta na nichean a chunnaic thu, ʼsa tha ann, ʼsa dhʼ fheumas a bhith diante an deigh so.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:19
8 Iomraidhean Croise  

Taisbeanadh Ìosa Crìosd, a thug Dia dha airson foillseachadh dha sheirbheisich na rudan a dh'fheumas tachairt a dh'aithghearr; agus a rinn e aithnichte 's a chuir e, leis an aingeal aige, gu a sheirbheiseach Eòin,


ag ràdh, “Na chì thu, sgrìobh ann an rolla, agus cuir gu na seachd eaglaisean e, gu Ephesus agus gu Smirna agus gu Pergamos agus gu Tiatìra agus gu Sardis agus gu Philadelphia agus gu Laodicèa.”


Agus thionndaidh mi gus am faicinn dè an guth a bhruidhinn rium, agus nuair a thionndaidh mi chunnaic mi seachd lampairean òir.


Agus nuair a bhruidhinn na seachd tàirneanaich, bha mi dìreach gus sgrìobhadh, ach chuala mi guth o nèamh, ag ràdh, “Seulaich na thuirt na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh idir iad.”


Agus thuirt e rium, “Sgrìobh! Is beannaichte iadsan a th' air an gairm gu suipear‑bainnse an Uain,” agus thuirt e rium, “Is iad seo faclan fìor ar Dia.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan