Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 agus esan a tha beò, is a bha marbh, agus seall, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, agus tha iuchraichean a' bhàis is Ifrinn agam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 ʼS tha mi beo, agus bha mi marbh, us faic is beo mi a chaoidh nan caoidhean, agus tha iuchraichean a bhàis agus iutharna agam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:18
32 Iomraidhean Croise  

Agus thusa, a Chapernàum, am bi thu air do thogail suas a nèamh? Thèid do thoirt sìos a dh'Ifrinn. Oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a chaidh a dhèanamh annadsa air an dèanamh ann an Sodom, nach maireadh e gus an‑diugh?


Bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh; agus ge b' e dè a cheanglas tusa air thalamh, bidh e ceangailte air nèamh, agus ge b' e dè a dh'fhuasglas tusa air thalamh, bidh e fuasgailte air nèamh.”


Agus a' gabhail an eagail, chrom iadsan an aghaidhean chun na talmhainn. Thuirt na daoine riutha, “Carson a tha sibh a' sireadh an fhir a tha beò am measg nam marbh?


Thuirt Ìosa rithe, “Is mise an aiseirigh agus a' bheatha. Ge b' e cò a chreideas annamsa, ged a gheibheadh e bàs, bidh e beò;


Ùine bheag fhathast agus chan fhaic an saoghal tuilleadh mi, ach chì sibhse mi. A chionn 's gu bheil mise beò, bidh sibhse beò cuideachd.


Is aithne dhuinn, a chionn 's gun deach Crìosd a thogail o na mairbh, nach bàsaich e tuilleadh; chan eil tighearnas aig a' bhàs thairis air tuilleadh.


Oir bha esan gu dearbh air a cheusadh o laigse, ach tha e beò o chumhachd Dhè. Oir tha sinne gu dearbh lag annsan, ach bidh sinn beò leis‑san o chumhachd Dhè dhur taobh‑se.


agus cha mhise tuilleadh a tha beò, ach Crìosd a tha beò annamsa. Agus a' bheatha a tha mi a‑nis a' caitheamh san fheòil tha mi a' caitheamh tro chreideamh ann am Mac Dhè, a thug gràdh dhomh agus a thug e fhèin seachad air mo shon.


Oir bhàsaich sibh, agus tha ur beatha falaichte còmhla ri Crìosd ann an Dia.


Is esan deàrrsadh a ghlòir‑san agus fìor ìomhaigh a shusbaint, a' cumail suas a h‑uile sìon le facal a chumhachd, às dèidh dha peacaidhean a ghlanadh air falbh, shuidh e air deas‑làimh na mòrachd sna h‑àrdan.


a' coimhead air Ìosa, ceannard is fear‑crìochnachaidh ar creideimh, esan a dh'fhuiling an crann‑ceusaidh airson an aoibhneis a bha roimhe, a' dèanamh dìmeas air a nàire agus a shuidh air deas‑làimh rìgh‑chathair Dhè.


a tha a' nochdadh, chan ann a rèir lagha àithne fheòlmhoir, ach a rèir cumhachd beatha nach gabh a sgrios.


Agus mar sin, tha esan comasach air iadsan a thig gu Dia troimhesan a shàbhaladh gu h‑iomlan, oir tha e beò gu sìorraidh airson guidhe air an son.


Agus thug e mionnan airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal – a chruthaich nèamh 's na tha ann, agus an talamh 's na tha ann agus a' mhuir 's na tha innte – nach biodh dàil ann tuilleadh.


Agus thug aon dhe na ceithir creutairean beòtha dha na seachd ainglean, seachd bobhlaichean òir, a bha làn de dh'fheirge Dhè, a tha beò gu saoghal nan saoghal.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Smirna, sgrìobh: Seo na rudan a tha e ag ràdh, a' chiad neach 's an neach mu dheireadh, a bha marbh agus a tha beò:


Agus thug a' mhuir suas na mairbh a bh' innte, agus thug am bàs is Ifrinn suas na mairbh a bh' anntasan, agus chaidh breith a thoirt air gach neach a rèir nan obraichean aca.


Agus chaidh am bàs is Ifrinn a thilgeil dhan loch theine. 'S e sin an dara bàs, an loch theine.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Philadelphia, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan ag ràdh, an Aon Naomh, an Aon Fìor, an Aon aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Aon a tha a' fosgladh 's nach dùin neach sam bith, agus a dhùineas is nach fosgail neach sam bith:


Agus nuair a bheir na creutairean beòtha glòir is urram is taing dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, esan a tha beò gu saoghal nan saoghal,


Agus bha na ceithir creutairean beòtha ag ràdh, “Amen”, agus thuit na h‑èildearan sìos agus rinn iad adhradh.


Agus chunnaic mi, agus seall, each glas, agus b' e ainm an neach a bha na shuidhe air, Am Bàs, agus bha Ifrinn ga leantainn. Agus chaidh ùghdarras a thoirt dhaibh thairis air a' cheathramh pàirt dhen talamh, gus a bhith a' marbhadh leis a' chlaidheamh, is le gort, is leis a' bhàs, is le beathaichean fiadhaich na talmhainn.


Agus shèid an còigeamh aingeal trombaid, agus chunnaic mi rionnag a bh' air tuiteam o nèamh chun na talmhainn, agus chaidh iuchair sloc na h‑Àibheis a thoirt dha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan