Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 ag ràdh, “Na chì thu, sgrìobh ann an rolla, agus cuir gu na seachd eaglaisean e, gu Ephesus agus gu Smirna agus gu Pergamos agus gu Tiatìra agus gu Sardis agus gu Philadelphia agus gu Laodicèa.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh‐sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 A g-radh: Na tha thu faicinn sgriobh ann an leabhar; agus cuir thun nan seachd eaglaisean, a tha ann an Asia, gu Ephesus, agus gu Smirna, agus gu Pergamus, agus gu Thiatira, agus gu Sardis, agus gu Philadelphia, agus gu Laodicéa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:11
37 Iomraidhean Croise  

Bha boireannach àraidh ag èisteachd dham b' ainm Lidia, o bhaile Thiatìra, reiceadair aodaich purpaidh, a bha na neach‑adhraidh do Dhia. Dh'fhosgail an Tighearna a cridhe airson aire a thoirt dha na thuirt Pòl.


A‑nis thàinig Iùdhach àraidh dham b' ainm Apollos, a rugadh ann an Alecsandria, gu Ephesus. B' e duine deas‑bhriathrach a bh' ann; cumhachdach sna Sgriobtaran.


O Mhiletus chuir e fios gu Ephesus is ghairm e èildearan na h‑eaglaise thuige.


Mas ann a rèir dòchais dhaonna a rinn mi sabaid ri beathaichean fiadhaich ann an Ephesus, dè a' bhuannachd a th' agam? Mura h‑eil na mairbh air an togail an‑àirde, “Itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.”


Ach fuirichidh mi ann an Ephesus chun na Caingis,


Pòl, abstol Chrìosd Ìosa tro thoil Dhè, Gu na naoimh a th' ann an Ephesus agus a tha dìleas ann an Crìosd Ìosa:


Tha mi ag iarraidh gum biodh fios agaibh air cho mòr 's a tha an spàirn a th' agam air ur son‑se, 's air an son‑san a th' ann an Laodicèa, agus air an son‑san gu lèir nach eil air m' aghaidh fhaicinn san fheòil


Dìreach mar a ghuidh mi ort fuireach ann an Ephesus, fhad 's a bha mi dol a‑steach do Mhacedònia, gum biodh tu ag àithne do chuid gun a bhith a' toirt seachad teagasg eadar‑dhealaichte.


Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi aig a chasan mar dhuine marbh. Agus chuir e a làmh dheas orm ag ràdh, “Na biodh eagal ort! Is mise a' chiad neach 's an neach mu dheireadh,


“Mar sin, sgrìobh na chunnaic thu, agus na rudan a tha ann, agus a tha a' dol a thachairt nan dèidh‑san.


a thug fianais mu fhacal Dhè is mu theisteanas Ìosa Crìosd, na h‑uimhir 's a chunnaic e.


Dìomhaireachd nan seachd rionnagan a chunnaic thu nam làimh‑dheis, agus na seachd lampairean òir: 's iad na seachd rionnagan na h‑ainglean aig na seachd eaglaisean, agus 's iad na seachd lampairean na seachd eaglaisean.


Eòin, Gu na seachd eaglaisean ann an Àisia: Gràs dhuibh agus sìth uaithesan a tha agus a bha agus a tha a' tighinn agus o na seachd spioradan a tha mu choinneamh a rìgh‑chathrach‑san.


“Is mise an t‑Alpha agus an t‑Omega,” tha an Tighearna Dia ag ràdh, “a tha agus a bha agus a tha a' tighinn, an t‑Uile‑Chumhachdach.”


Agus nuair a bhruidhinn na seachd tàirneanaich, bha mi dìreach gus sgrìobhadh, ach chuala mi guth o nèamh, ag ràdh, “Seulaich na thuirt na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh idir iad.”


Agus chuala mi guth o nèamh ag ràdh, “Sgrìobh! Is beannaichte na mairbh, iadsan a bhàsaicheas san Tìghearna, on a seo a‑mach.” “Seadh!” tha an Spiorad ag ràdh, “gus an gabh iad fois o na saothairean aca, oir leanaidh an obraichean iad.”


Agus thuirt e rium, “Sgrìobh! Is beannaichte iadsan a th' air an gairm gu suipear‑bainnse an Uain,” agus thuirt e rium, “Is iad seo faclan fìor ar Dia.”


“Gu aingeal na h‑eaglaise ann an Ephesus, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan a tha a' cumail nan seachd rionnagan na làimh dheis ag ràdh, esan a tha a' coiseachd am measg nan seachd lampairean òir:


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Pergamos, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil an claidheamh geur, dà‑fhaobhair ag ràdh,


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Tiatìra, sgrìobh: Seo na rudan a tha Mac Dhè ag ràdh, esan aig a bheil a shùilean mar lasair theine agus a chasan coltach ri umha fìorghlan:


Ach ribhse tha mi ag ràdh, agus ris a chòrr a th' ann an Tiatìra, na h‑uiread 's aig nach eil an teagasg seo, aig nach robh fios air rudan domhainn Shàtain, mar a tha iad ag ràdh. Chan eil mi a' cur uallach eile oirbhse,


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Smirna, sgrìobh: Seo na rudan a tha e ag ràdh, a' chiad neach 's an neach mu dheireadh, a bha marbh agus a tha beò:


Agus thuirt esan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, “Seall, tha mi ag ùrachadh a h‑uile sìon,” agus thuirt e, “Sgrìobh, oir tha na faclan seo dìleas agus fìor.”


Agus thuirt e rium, “Na seulaich faclan fàidheadaireachd an leabhair seo, oir tha an t‑àm faisg.


“Chuir mise, Ìosa, m' aingeal a thoirt fianais dhuibhse mu na rudan seo, às leth nan eaglaisean. Is mise freumh is gineal Dhaibhaidh, reul dheàlrach na maidne.”


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Sardis, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil seachd spioradan Dhè agus na seachd rionnagan ag ràdh, Tha fios agam air d' obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, ach tha thu marbh!


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Laodicèa, sgrìobh: Seo na rudan a tha an t‑Amen, an fhianais dhìleas agus fhìor, toiseach cruthachaidh Dhè, ag ràdh,


Ach tha beagan dhaoine agad ann an Sardis nach do thruaill an cuid aodaich agus a choisicheas leam ann an geal, oir tha iad airidh air.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Philadelphia, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan ag ràdh, an Aon Naomh, an Aon Fìor, an Aon aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Aon a tha a' fosgladh 's nach dùin neach sam bith, agus a dhùineas is nach fosgail neach sam bith:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan