Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Bha mi anns an Spiorad air latha an Tighearna, agus chuala mi guth àrd air mo chùlaibh mar thrombaid,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Bha mi anns an Spiorad air là an Tighearna, agus chuala mi air mo chùlaibh guth mòr, mar ghuth trompaid,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Bha mi anns an Spiorad air là an Tighearna, agus chuala mi air mo chùlaibh guth mòr, mar ghuth trompaid,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Bha mi anns an spiorad air latha an Tighearna, us chuala mi air mo chulaobh guth mor mar de thrombaid,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:10
13 Iomraidhean Croise  

Thuirt esan riutha, “Ciamar mar sin a ghabhas Daibhidh, san spiorad, ‘a Thighearna’ air? Ag ràdh:


Mar sin, air feasgar an latha sin fhèin, air a' chiad latha dhen t‑seachdain, agus na dorsan dùinte far an robh na deisciobail air eagal nan Iùdhach, thàinig Ìosa agus sheas e nam measg, agus thuirt e riutha, “Sìth dhuibh!”


Ochd latha às dèidh sin, bha na deisciobail a‑rithist a‑staigh, agus bha Tòmas còmhla riutha. Ged a bha na dorsan glaiste, thàinig Ìosa agus sheas e nam measg, agus thuirt e, “Sìth dhuibh.”


Air a' chiad latha dhen t‑seachdain, nuair a bha sinn cruinn còmhla airson aran a bhriseadh, bhruidhinn Pòl riutha, a' cur roimhe fàgail air an ath latha, agus lean e air a' bruidhinn gu meadhan‑oidhche.


Mar sin tha mi ag iarraidh gun tuig sibh nach can duine sam bith a tha a' bruidhinn tro Spiorad Dhè, “Tha Ìosa mallaichte,” agus nach urrainn duine sam bith, “Is Ìosa an Tighearna,” a ràdh, ach, tron Spiorad Naomh.


Air a' chiad latha gach seachdain, cuireadh gach neach agaibh rud air leth mar a shoirbhicheas leis agus gleidheadh e e, airson 's nach bi tional ri dhèanamh nuair a thig mise.


Agus ghiùlain e mi air falbh dhan fhàsaich san spiorad agus chunnaic mi boireannach na suidhe air biast sgàrlaid a bha làn de dh'ainmean toibheumach, 's air an robh seachd cinn is deich adhaircean.


Agus ghiùlain e mi air falbh san spiorad gu beinn mhòr is àrd, agus sheall e dhomh am baile naomh, Ierusalem – a' tighinn a‑nuas à nèamh o Dhia –


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan