Taisbeanadh 1:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 Taisbeanadh Ìosa Crìosd, a thug Dia dha airson foillseachadh dha sheirbheisich na rudan a dh'fheumas tachairt a dh'aithghearr; agus a rinn e aithnichte 's a chuir e, leis an aingeal aige, gu a sheirbheiseach Eòin, Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19921 Taisbeanadh Iosa Crìosd, a thug Dia dha, a dh’fhoillseachadh da sheirbhisich nithean as èiginn teachd gu crìch ann an ùine gheàrr; agus chuir e teachdaireachd uaithe, agus le a aingeal fhèin dh’fhoillsich e iad da sheirbhiseach Eòin, Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Taisbeanadh Iosa Crìosd, a thug Dia dha, a dh’fhoillseachadh da sheirbhisich nithean as èiginn teachd gu crìch ann an ùine gheàrr; agus chuir e teachdaireachd uaithe, agus le a aingeal fhèin dh’fhoillsich e iad da sheirbhiseach Eòin, Faic an caibideilLaoidhean o na Sgriobtaran Naomha 19871 Dhàsan a ghràdhaich anman dhaoin, 's a dhòirt gach braon dhe fhuil, A‑chum ar cionta ghlanadh uainn, 's ar dèanamh naomh gu tur: Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 18751 Taisbeanadh Iosa Criosta, a thug Dia dha a shoilleireachadh dha sheirbhisich nan nichean, a dhʼ fheumas tachairt gu h-aithghearr: ʼsa dhʼ fhiach e, le aingeal fhein a chur gu sheirbhiseach Eoin, Faic an caibideil |