Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Seumas 1:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 Oir dh'èirich a' ghrian le a teas loisgeach is shearg i am feur: thuit a bhlàth agus chaidh bòidhchead a choltais a sgrios. San aon dòigh seargaidh an duine beairteach na shlighean gu lèir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Oir air èirigh don ghrèin le dian-theas, crìonaidh i am feur, agus tuitidh a bhlàth, agus thèid maise a dhreach am mugha: is amhail sin mar an ceudna a sheargas an duine saoibhir na shlighean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Oir air èirigh don ghrèin le dian‐theas, crìonaidh i am feur, agus tuitidh a bhlàth, agus thèid maise a dhreach am mugha: is amhail sin mar an ceudna a sheargas an duine saoibhir na shlighean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Oir dhʼ eirich a ghrian ʼna dian-theas, us shearg am fiar, us thuit a bhlath, agus chaochail dreach a mhaise: is amhuil a sheargas an duine saibhir ʼna rathaidean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Seumas 1:11
27 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a dh'èirich a' ghrian chaidh a losgadh, agus a chionn 's nach robh freumh aige, shearg e às.


ag ràdh, ‘An fheadhainn mu dheireadh seo, dh'obraich iad aon uair a thìde, agus rinn thusa iad co‑ionann rinne a ghiùlain eallach an latha agus an teas loisgeach.’


Ach ma tha Dia mar sin a' sgeadachadh feur nan achaidhean, a th' ann an‑diugh, agus a‑màireach a th' air a thilgeil dhan àmhainn, nach motha na sin a sgeadaicheas e sibhse? O sibhse air bheag creideimh!


Agus nuair a dh'èirich a' ghrian chaidh a losgadh, agus a chionn 's nach robh freumh aige, shearg e às.


agus iadsan a tha a' cleachdadh an t‑saoghail, mar nach robh gnothach aca ris. Oir tha an cruth a th' air an t‑saoghal an‑dràsta a' dol seachad.


gu oighreachd neo‑bhàsmhor is neo‑thruaillte, agus nach crìon, a th' air a cumail anns na nèamhan dhuibhse,


Agus nuair a thèid an t‑Àrd‑bhuachaille fhoillseachadh, gheibh sibh crùn neo‑chrìonach na glòire.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan