Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ròmanaich 1:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Nam measg‑san tha sibhse cuideachd a th' air ur gairm gus a bhith le Ìosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Am measg a bheil sibhse mar an ceudna air ur gairm le Iosa Crìosd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Am measg a bheil sibhse mar an ceudna air ur gairm le Iosa Crìosd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 ʼNam measg sin tha sibhse cuideachd air ur gairm le Iosa Criosta:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ròmanaich 1:6
16 Iomraidhean Croise  

fiù 's sinne a tha e air a ghairm, chan ann o na h‑Iùdhaich a‑mhàin ach o na Cinnich cuideachd?


Tha Dia dìleas, tron deach ur gairm a‑steach do chomann a Mhic, Ìosa Crìosd ar Tighearna.


Tha iongnadh orm gu bheil sibh, cho luath, air ur tionndadh air falbh uaithesan a ghairm sibh le gràs Chrìosd, gu soisgeul eile –


Annsan tha sinn air oighreachd fhaighinn, às dèidh dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an Aoin a tha ag obrachadh a h‑uile sìon a rèir comhairle a thoile fhèin,


Agus sibhse a bha aig aon àm nur coigrich is nàimhdeil nur n‑inntinn, a' dèanamh ghnìomhan olca,


a th' air tighinn thugaibh, dìreach mar a tha e a' toirt a‑mach toraidh 's a' fàs san t‑saoghal gu lèir, eadhon mar a tha e cuideachd a' dèanamh nur measg‑se, on latha san cuala sibh e 's a thuig sibh gràs Dhè ann am fìrinn;


gur n‑earalachadh agus gur cofhurtachadh agus a' cur ìmpidh oirbh gus am biodh sibh beò gu h‑iomchaidh do Dhia, a ghairm sibh a‑steach dha rìoghachd fhèin 's dha ghlòir.


dhan do ghairm e sibh cuideachd, tron t‑soisgeul againne, airson glòir ar Tighearna Ìosa Crìosd a shealbhachadh.


Esan a shàbhail sinn is a ghairm oirnn le gairm naomh, chan ann a rèir ar n‑obraichean, ach a rèir a rùin fhèin is a ghràis, a thug e dhuinne ann an Ìosa Crìosd, ro linn na tìm;


Mar sin, a bhràithrean naomha, aig a bheil compàirt sa ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near an t‑abstol agus àrd‑shagart ar n‑aideachaidh, Ìosa.


Oir 's ann chun a seo a bha sibh air ur gairm, a chionn 's gun do dh'fhulaing Crìosd cuideachd air ar son‑se, a' fàgail eisimpleir agaibh airson 's gun leanadh sibh na cheumannan‑san:


Ach tha sibhse nar ginealach taghta, sagartachd rìoghail, nàisean naomh, sluagh a tha nan seilbh aig Dia, gus an innis sibh sàr‑mhathas an fhir a ghairm sibh o dhorchadas gu a sholas glòrmhor fhèin.


An àite sin, a bhràithrean, bithibh buileach dìcheallach airson ur gairm 's ur taghaidh a dhèanamh cinnteach, oir ann a bhith a' dèanamh nan rudan seo, cha tuislich sibh idir.


Iùdas, seirbheiseach Ìosa Crìosd agus bràthair Sheumais: Thucasan a th' air an gairm, gràdhaichte ann an Dia an t‑Athair, agus air an gleidheadh le Ìosa Crìosd.


Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra, oir is esan Tighearna nan tighearnan agus Rìgh nan rìghrean, agus tha iadsan a tha leis air an gairm, agus air an taghadh agus dìleas.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan