Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 b' fheàrr leam guidhe ort as leth a' ghràidh, on is mise Pòl a tha nam sheann duine, agus a tha a‑nis cuideachd nam phrìosanach de Chrìosd Ìosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Gidheadh is fheàrr leam airson gràidh impidh a chur ort, air a bhith dhomh mar Phòl aosda, agus a‑nis mar an ceudna am phrìosanach airson Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Gidheadh is fheàrr leam airson gràidh impidh a chur ort, air a bhith dhomh mar Phòl aosda, agus a‑nis mar an ceudna am phrìosanach airson Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

9 Ach air sgàth a' ghràidh a tha eadarainn, 's ann as fheàrr leam iarrtas a chur thugad. Tha mi a' dèanamh seo a dh'aindeoin 's gur mi Pòl, 's mi air tighinn gu aois, 's mi nise cuideachd nam phrìosanach air sgàth Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 ʼSann is docha leam guidhe ort as leth na carrantachd, bhon a tha thu aosda mar Phol, a tha nis cuideachd am phriosanach air son Iosa Criosta:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:9
17 Iomraidhean Croise  

Tha mi a' guidhe oirbh mar sin, a bhràithrean, tro thròcairean Dhè, ur bodhaigean a nochdadh nam beò‑ìobairt, naomh is iomchaidh do Dhia, 's e sin ur n‑adhradh spioradail.


Mar sin tha sinne nar tosgairean airson Chrìosd, mar gun robh Dia a' dèanamh a thagradh tromhainne; tha sinn a' guidhe oirbh às leth Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia.


Agus ag obrachadh còmhla ris, tha sinne cuideachd a' dèanamh tagradh ribh gun gràs Dhè a ghabhail gu dìomhain.


Oir tha sibh uile nur mic do Dhia tro chreideamh ann an Crìosd Ìosa.


Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Chrìosd Ìosa air ur son‑se a Chinneacha –


Mar sin tha mise, prìosanach an Tighearna, a' guidhe oirbh gun coisich sibh ann an dòigh a tha iomchaidh dhan ghairm leis an deach ur gairm,


dham bheil mi nam thosgaire ann an sèidhnichean, airson 's gum bruidhinn mi gu dàna mu dheidhinn, mar as còir dhomh bruidhinn.


Tha taingealachd agam dhàsan a neartaich mi, Crìosd Ìosa ar Tighearna, air sgàth gun do mheas e mi dìleas, gam chur na sheirbheis.


na seann daoine a bhith measarra, stòlda, faiceallach, fallain sa chreideamh, ann an gràdh 's ann an leanaltas.


Ach tha mi a' guidhe nas motha oirbh seo a dhèanamh airson 's gum bi mi air mo thoirt air ais thugaibh nas luaithe.


Mo luchd‑gràidh, tha mi a' guidhe oirbh, mar choigrich is luchd‑cuairt, seachnaibh ana‑miannan na feòla, a tha a' cogadh an aghaidh an anma.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan