Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Mar sin, ged a dh'fhaodainn a bhith dàn ann an Crìosd 's àithne dhut an rud a tha iomchaidh a dhèanamh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Uime sin ged dh’fhaodainn a bhith ro‑dhàn ann an Crìosd a‑chum an nì a tha iomchaidh àithneadh dhut,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Uime sin ged dh’fhaodainn a bhith ro‑dhàn ann an Crìosd a‑chum an nì a tha iomchaidh àithneadh dhut,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

8 Mar sin, dh'fhaodainn, nan tograinn, mar do bhràthair ann an Crìosd, a bhith cho dàna 's gun toirinn òrdugh dhut a thaobh dè as còir dhut a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 As leth sin ʼs mi am mor earbsa, ann an Iosa Criosta, an ni a tha iomchuidh àithneadh ort:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:8
7 Iomraidhean Croise  

Oir fiù 's ma nì mise beagan a bharrachd bòstaidh mun ùghdarras againne, a bhuilich an Tighearna airson ur togail‑se suas – 's chan ann airson ur sgrios – cha tèid nàire a chur orm,


Mo nàire, feumaidh mi a ràdh gu bheil sinne cuideachd air a bhith lag. Ach, ge b' e dè an seagh sa bheil neach sam bith eile dàna – tha mi a' bruidhinn gu h‑amaideach – tha mise a cheart cho dàna cuideachd.


Mar sin air sgàth 's gu bheil a leithid sin de dhòchas againn, tha sinn a' cleachdadh mòr‑dhànachd


agus na biodh drabastachd is còmhradh amaideach, no cainnt shalach ann, nach eil iomchaidh, ach an àite sin buidheachas.


Ach às dèidh fulang mar‑thà agus a bhith air ar làimhseachadh gu tàireil, mar as aithne dhuibh, ann am Philipi, gu robh sinn dàna nar Dia gus soisgeul Dhè innse dhuibh le mòran strì.


Cha mhotha a bha sinn a' lorg glòir o dhaoine, no uaibhse, no o mhuinntir eile. Dh'fhaodadh sinn cuideam a leigeil oirbh mar abstoil Chrìosd,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan