Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Oir tha taingealachd mhòr is misneachd againn às do ghràdh‑sa a chionn 's gu bheil cridheachan nan naomh ùraichte tromhadsa, a bhràthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Oir tha subhachas ro‑mhòr agus comhfhurtachd againne ann ad ghràdh-sa, do bhrìgh gu bheil innidh nan naomh air faotainn suaimhneis tromhadsa, a bhràthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Oir tha subhachas ro‑mhòr agus comhfhurtachd againne ann ad ghràdh‐sa, do bhrìgh gu bheil innidh nan naomh air faotainn suaimhneis tromhadsa, a bhràthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

7 A bhràthair chòir, tha do ghràdh a' toirt mòran aoibhneis agus misneachd dhomh, a chionns gun tug thu urad a thogail do chridheachan nan creidmheach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Oir bu mhor mo thoil-inntinn ʼs mo shòlas as do charrantachd: a chionn gun robh innidh nan naomh air am furtachadh leatsa, a bhrathair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:7
11 Iomraidhean Croise  

Oir dh'ath‑ùraich iad mo spiorad‑sa agus ur spiorad‑se. Mar sin aithnichibh an leithidean sin.


Air an adhbhar seo, tha sinn air ar cofhurtachadh. Agus a thuilleadh air ar cofhurtachd fhèin, rinn sinn barrachd gàirdeachais airson aoibhneas Thìtuis, air sgàth 's gun d' fhuair a spiorad ath‑ùrachadh uaibhse uile.


Is mòr mo dhànachd dhur taobh, is mòr mo bhòstadh às ur leth. Tha mi air mo lìonadh le cofhurtachd; tha mi a' cur thairis le toileachas nar n‑uile àmhghar.


a' cuimhneachadh air obair ur creideimh, agus saothair ur gràidh, agus leanaltas ur dòchais nar Tighearna Ìosa Crìosd, fa chomhair ar Dia 's ar n‑Athair.


Agus air sgàth seo tha sinne cuideachd a' toirt taing do Dhia gun sgur, nuair a fhuair sibh facal Dhè uainne, gun do ghabh sibh ris, cha b' ann mar fhacal dhaoine, ach mar a tha e dha‑rìribh, facal Dhè, a tha ag obair annaibhse cuideachd a tha a' creidsinn.


Oir dè ar dòchas, no ar toileachas, no ar crùn bòstaidh? Nach e sibhse fhèin, an làthair ar Tighearna Ìosa, aig a thighinn?


Oir dè an taing as urrainn dhuinn a thoirt do Dhia a phàigheas air ar son‑ne, airson a' ghàirdeachais leis an do rinn sinne gàirdeachas dhar taobh‑se, fa chomhair ar Dè.


Gun toireadh an Tighearna tròcair do thaigh Onesiphorus, oir gu tric dh'ùraich e mi 's cha robh nàire air mum shèinichean.


Seadh, a bhràthair, airson 's gum biodh tairbhe agam uat anns an Tighearna, ùraich mo chridhe ann an Crìosd.


Rinn mi gàirdeachas mòr on a fhuair mi cuid dhem chloinn‑sa a' coiseachd san fhìrinn mar a fhuair sinn àithne on Athair.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan