Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 a' cluinntinn mud ghràdh 's mun chreideamh a th' agad san Tighearna Ìosa agus mu na naoimh uile,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Air dhomh a bhith a’ cluinntinn mud ghràdh, agus a’ chreidimh a tha agad a‑thaobh an Tighearna Iosa, agus a‑thaobh nan uile naomh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Air dhomh a bhith a’ cluinntinn mud ghràdh, agus a’ chreidimh a tha agad a‑thaobh an Tighearna Iosa, agus a‑thaobh nan uile naomh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

5 oir tha mi a' cluinntinn mar a tha thu a' gràdhachadh sluagh Dhè uile, agus a' cur d'earbsa anns an Tighearna Iosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 ʼS mi cluinntinn mu dʼ charrantachd, ʼs mu ʼn chreideamh a thʼ agad anns an Tighearna Iosa, ʼsa thaobh nan naomh uile,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:5
13 Iomraidhean Croise  

a' toirt fianais an dà chuid do dh'Iùdhaich is do Ghreugaich mu aithreachas a thaobh Dhè agus mu chreideamh nar Tighearna Ìosa Crìosd.


Cuidichibh le feumalachdan nan naomh agus thoiribh aoigheachd.


A‑nis a thaobh an tionail airson nan naomh: mar a thug mi stiùireadh do dh'eaglaisean Ghalàtia, mar sin dèanaibh‑se cuideachd.


Oir ann an Crìosd Ìosa chan eil timcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑ghearradh feumail airson sìon, ach creideamh a tha ag obair tro ghràdh.


Air an adhbhar seo, a chionn 's gu bheil mi air cluinntinn mur creideamh san Tighearna Ìosa agus ur gràdh dha na naoimh gu lèir,


o chuala sinn mur creideamh ann an Crìosd Ìosa agus mun ghràdh a th' agaibh dha na naoimh gu lèir,


Ach a‑nis on a thill Timòteus thugainn uaibhse, agus gun do dh'aithris e deagh‑sgeul ur creideimh 's ur gràidh, agus gu bheil deagh chuimhne agaibh oirnne an‑còmhnaidh, ag iarraidh ar faicinn eadhon mar a tha sinne ag iarraidh ur faicinn‑se.


Oir tha taingealachd mhòr is misneachd againn às do ghràdh‑sa a chionn 's gu bheil cridheachan nan naomh ùraichte tromhadsa, a bhràthair.


Agus is i seo àithne: gun creideamaid ann an ainm a Mhic, Ìosa Crìosd, agus gun gràdhaicheamaid càch‑a‑chèile, dìreach mar a dh'àithn e dhuinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan