Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

22 Agus rud eile, dèan àite‑fuirich deiseil dhomh cuideachd; oir tha dòchas agam tro na h‑ùrnaighean agaibh gun tèid mo thoirt dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

22 Ach maille ri seo ullaich mar an ceudna fàrdach air mo shon: oir tha dòchas agam, tre ur n‑ùrnaighean-se, gun toirear mi dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

22 Ach maille ri seo ullaich mar an ceudna fàrdach air mo shon: oir tha dòchas agam, tre ur n‑ùrnaighean‐se, gun toirear mi dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

22 Bu mhath leam cuideachd gun cuireadh tu seòmar air leth dhomh, oir tha dòchas agam gum freagair Dia na h‑ùrnaighean agaibh uile, 's gum bi mi air ais còmhla ribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

22 Agus comhla ri so, dian deas cuideachd cairtealan dhomhsa: oir tha mi g-earbsa tromh ur n-urnaighean gun toirear dhuibh mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:22
13 Iomraidhean Croise  

ag ràdh, ‘Na biodh eagal ort, a Phòil; feumaidh tu seasamh mu choinneamh Chèasair; agus seall, tha Dia air iadsan uile a thoirt dhut a tha a' seòladh còmhla riut.’


Nuair a bha iad air latha a shuidheachadh air a shon, thàinig iad thuige dhan taigh‑loidsidh aige ann an àireamhan na bu mhotha. O mhadainn gu feasgar rinn e mìneachadh dhaibh, a' toirt fianais a thaobh rìoghachd Dhè agus a' feuchainn ri dhearbhadh dhaibh mu Ìosa, an dà chuid o Lagh Mhaois agus o na Fàidhean.


tha mi an dòchas ur faicinn ge b' e cuin a shiùbhlas mi dhan Spàinn, agus a bhith air mo chuideachadh air mo shlighe an sin leibh, ma mhealas mi ur cuideachd airson greis an toiseach.


tha sibhse cuideachd a' gabhail pàirt ann a bhith gar cuideachadh tro ur n‑ùrnaighean airson 's gun toir mòran dhaoine taing as ar leth airson an tiodhlaic a chaidh a thoirt dhuinn, tro ùrnaighean mhòran.


Oir tha fios agam gun obraich seo airson mo shaoraidh tro na h‑ùrnaighean agaibhse agus tro chuideachadh Spiorad Ìosa Crìosd,


agus tha earbsa agam san Tighearna gun tig mi fhèin thugaibh a dh'aithghearr cuideachd.


Ach tha mi a' guidhe nas motha oirbh seo a dhèanamh airson 's gum bi mi air mo thoirt air ais thugaibh nas luaithe.


Biodh fios agaibh gun d' fhuair ar bràthair Timòteus fa sgaoil, agus chì mi sibh còmhla ris‑san, ma thig e a dh'aithghearr.


Mar sin aidichibh ur peacaidhean dha chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile airson 's gum bi sibh air ur slànachadh. Tha ùrnaigh an ionracain cumhachdach agus èifeachdach.


Tha mòran rudan agam ri sgrìobhadh thugaibh, ach chan eil mi airson pàipear is dubh a chosg. Agus tha dòchas agam tighinn thugaibh agus bruidhinn ribh aghaidh ri aghaidh airson 's gum bi ar sòlas làn.


tha mi an dòchas d' fhaicinn a dh'aithghearr agus bruidhinnidh sinn aghaidh ri aghaidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan