Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

21 Le earbsa nad ùmhlachd, sgrìobh mi thugad agus fios agam gun dèan thu eadhon tuilleadh 's na tha mi ag ràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Air dhomh a bhith earbsach as d’ùmhlachd sgrìobh mi ad ionnsaigh, oir tha fhios agam gun dèan thusa mar an ceudna nas mò na tha mi ag ràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Air dhomh a bhith earbsach as d’ùmhlachd sgrìobh mi ad ionnsaigh, oir tha fhios agam gun dèan thusa mar an ceudna nas mò na tha mi ag ràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

21 Tha mi làn chinnteach, 's mi a' sgrìobhadh seo, gun dèan thu an rud a tha mi ag iarraidh — gu dearbh, gun dèan thu barrachd air na tha mi ag iarraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

21 A g-earbsa as tʼ umhailteas sgriobh mi ga dʼ ionnsuidh, le fios cuideachd gun dian thu tuille na tha mi g-radh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:21
6 Iomraidhean Croise  

agus ma tha thu cinnteach gur e neach‑treòrachaidh a th' annad dha na doill, solas dhaibhsan a th' ann an dorchadas,


Agus sgrìobh mi an dearbh rud seo, airson 's nuair a thiginn, nach deigheadh mo chur fo bhròn leis an fheadhainn sin a bu chòir a bhith gam dhèanamh toilichte, le earbsa annaibh uile, gum bi mo thoileachas‑sa na thoileachas dhuibh‑se gu lèir.


Tha mi a' dèanamh gàirdeachais gu bheil cinnt agam annaibh sa h‑uile sìon.


Agus leothasan chuir sinn ar bràthair, a dhearbh sinn gu tric agus a fhuair sinn dùrachdach ann an tòrr rudan, ach a‑nis nas dùrachdaiche buileach air sgàth a mhòr chinnt annaibhse.


Tha cinnt agam asaibh san Tighearna, nach smaoinich sibh dad eile; ach an neach a tha a' cur dragh oirbh giùlainidh esan breitheanas; ge b' e cò e.


Ach tha earbsa againn san Tighearna mur deidhinn‑se, gu bheil sibh a' dèanamh, agus gum bi sibh a' dèanamh, nan rudan sin a tha sinn cuideachd ag òrdachadh dhuibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan