Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 Seadh, a bhràthair, airson 's gum biodh tairbhe agam uat anns an Tighearna, ùraich mo chridhe ann an Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Seadh, a bhràthair, faigheam gàirdeachas dod thaobh anns an Tighearna: dèan suaimhneach mo chridhe anns an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Seadh, a bhràthair, faigheam gàirdeachas dod thaobh anns an Tighearna: dèan suaimhneach mo chridhe anns an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

20 Leis a sin, a bhràthair chòir, dèan thusa coibhneas dhòmhsa anns an Tighearna; thoir togail dham chridhe mar mo charaid ann an Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Tha, a bhrathair. Gum meal mi thu san Tighearna: Furtaich air mʼ innibh anns an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:20
14 Iomraidhean Croise  

Oir dh'ath‑ùraich iad mo spiorad‑sa agus ur spiorad‑se. Mar sin aithnichibh an leithidean sin.


Oir ma chuireas mise bròn oirbhse, cò a nì toilichte mise, mura h‑e an neach a th' air a chur fo bhròn leamsa?


Air an adhbhar seo, tha sinn air ar cofhurtachadh. Agus a thuilleadh air ar cofhurtachd fhèin, rinn sinn barrachd gàirdeachais airson aoibhneas Thìtuis, air sgàth 's gun d' fhuair a spiorad ath‑ùrachadh uaibhse uile.


Oir 's e Dia m' fhianais, a thaobh mar a tha mi gur n‑ionndrainn uile le spèis Chrìosd Ìosa.


Mar sin, mo bhràithrean, as gràdh leam 's as miann leam, m' aoibhneas is mo chrùn, seasaibh mar seo gu daingeann san Tighearna, a mhuinntir mo ghràidh.


Tha mi ga chur air ais thugad, agus gabh ris mar rim chridhe fhèin.


Oir tha taingealachd mhòr is misneachd againn às do ghràdh‑sa a chionn 's gu bheil cridheachan nan naomh ùraichte tromhadsa, a bhràthair.


Thoiribh feart dhur ceannardan agus bithibh umhail dhaibh, oir tha iadsan a' gabhail cùram dhur n‑anman oir bheir iad cunntas orra, airson 's gun tèid aca air sin a dhèanamh le aoibhneas 's chan ann le mulad; oir cha bhiodh seo gu sìon a bhuannachd dhuibh.


Ach ge b' e cò aig a bheil sealbh‑beatha saoghalta 's a chì a bhràthair ann an èiginn agus nach seall truas dha, ciamar is urrainn gràdh Dhè fantainn annsan?


Chan eil toileachas nas motha na sin agam, gun cluinninn gu bheil mo chlann a' coiseachd anns an fhìrinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan