Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Ach cha robh mi airson sìon a dhèanamh gun do chead, airson 's nach dèanadh tu do dheagh ghnìomh gu riatanach ach gu deònach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Ach as eugmhais d’inntinn-sa cha bu toil leam nì sam bith a dhèanamh; a‑chum nach biodh do mhaith-sa mar gum b’ann a dh’aindeoin, ach od thoil fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Ach as eugmhais d’inntinn‐sa cha bu toil leam nì sam bith a dhèanamh; a‑chum nach biodh do mhaith‐sa mar gum b’ann a dh’aindeoin, ach od thoil fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

14 Ach cha robh mi airson dad a dhèanamh gun do chead, gus am biodh tu deònach coibhneas a nochdadh led thoil fhèin 's chan ann ge b'oil leat.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Ach gun do chomhairle cha bu mhath leam ni a dhianamh, gus do dheagh ghniomh a bhith, cha n-ann air eiginn mar gum bʼ eadh, ach le do thoil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:14
10 Iomraidhean Croise  

Oir ma nì mi seo om rùn fhèin, tha duais agam, ach mura h‑ann om rùn fhèin, tha stiùbhardachd air a h‑earbsa dhomh.


Cò a bhios a' dèanamh seirbheis mar shaighdear air a chosgais fhèin? Cò a bhios a' cur fìon‑lios gun a bhith ag ithe sìon dhen toradh aige? No cò a bhios a' frithealadh treud gun a bhith a' faighinn sìon dhen bhainne aige?


Chan e gu bheil tighearnas againne thar ur creideimh, ach 's e co‑luchd‑obrach a th' annainn airson ur n‑aoibhneis, oir, nur creideamh, tha sibh a' seasamh.


Oir ma tha an deisealachd ann, tha e airidh air gabhail ris a rèir na th' aig neach, chan ann a rèir na tha a dhìth air.


Mar sin shaoil mi gun robh e riatanach ìmpidh a chur air na bràithrean a dhol air thoiseach oirbh airson ur tabhartais – a gheall sibh roimhe – a chur an òrdugh, airson 's gum biodh sin deiseil, mar shaor‑thiodhlac 's chan ann an aghaidh ur toil.


Dèanadh gach neach mar a shuidhich e na chridhe fhèin, chan ann a dh'aindeoin no fo èiginn, oir tha gràdh aig Dia dhan neach a bheir seachad gu sunndach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan