Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 Bu mhiann leam a chumail còmhla rium fhèin, airson 's gum frithealadh e dhomh nad àite‑sa, ann an sèinichean an t‑soisgeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Neach a bu mhiann leam a chumail maille rium fhèin, a‑chum gun dèanadh e frithealadh dhomh ann ad àite-sa, ann an gèimhlean an t‑soisgeil:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Neach a bu mhiann leam a chumail maille rium fhèin, a‑chum gun dèanadh e frithealadh dhomh ann ad àite‐sa, ann an gèimhlean an t‑soisgeil:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

13 Bu mhath leam a chumail ann an seo còmhla rium, gus an dèanadh e, nad àite fhèin, mo chuideachadh agus mi nam phrìosanach air sgàth an t‑Soisgeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 Bʼ aill leam a chumail maille rium fhein, gu frithealadh dhomh na dʼ aite fhein na mʼ chuibhrichean air son an t-soisgeil:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:13
8 Iomraidhean Croise  

Tha mi a' dèanaibh gàirdeachas mu thighinn Stephanuis is Fhortunatuis is Achaicuis, oir rinn iad suas na bha a dhìth oirbhse.


Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Chrìosd Ìosa air ur son‑se a Chinneacha –


Mar sin tha mise, prìosanach an Tighearna, a' guidhe oirbh gun coisich sibh ann an dòigh a tha iomchaidh dhan ghairm leis an deach ur gairm,


Oir tha e ceart dhòmhsa a bhith a' faireachdainn mar seo mur deidhinn gu lèir, a chionn 's gu bheil sibh agam nam chridhe, oir tha sibh uile nur luchd‑compàirt de ghràs còmhla rium, an dà chuid nam phrìosanachadh agus ann an dìon is dearbhadh an t‑soisgeil.


air sgàth 's gun tàinig e faisg air a' bhàs airson obair Chrìosd, a' cur a bheatha fhèin ann an cunnart, airson 's gun dèanadh e suas na bha a dhìth nur seirbheis‑se dhòmhsa.


Pòl, prìosanach Chrìosd Ìosa, agus Timòteus, ar bràthair, Gu Philemon gràdhach 's ar co‑obraiche,


Tha mi a' guidhe ort airson mo mhic Onesimus, a chaidh a ghineamhainn dhomh nam phrìosanachadh


Tha mi ga chur air ais thugad, agus gabh ris mar rim chridhe fhèin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan