Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Tha mi a' guidhe ort airson mo mhic Onesimus, a chaidh a ghineamhainn dhomh nam phrìosanachadh

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Guidheam ort airson mo mhic Onesimus, a ghin mi ann am ghèimhlean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Guidheam ort airson mo mhic Onesimus, a ghin mi ann am ghèimhlean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

10 Tha m'iarrtas as leth Onesimuis, a thàinig gu bhith na mhac dhomh fhìn sa chreideamh nuair a bha mi sa phrìosan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Tha mi guidhe ort air son mo mhic Onesimus, a ghineadh dhomh na mʼ shlabhruidhean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:10
14 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair aon dhen t‑sluagh e, “Fhir‑Teagaisg, thug mi mo mhac thugad, oir tha spiorad aige a tha ga dhèanamh balbh.


Tha mi a' guidhe oirbh mar sin, a bhràithrean, tro thròcairean Dhè, ur bodhaigean a nochdadh nam beò‑ìobairt, naomh is iomchaidh do Dhia, 's e sin ur n‑adhradh spioradail.


Chan eil mi a' sgrìobhadh nan rudan seo airson nàire a chur oirbh, ach airson ur comhairleachadh mar mo chloinn ghràdhaich.


Oir ged a bhitheadh deich mìle luchd‑teagaisg agaibh ann an Crìosd, chan eil mòran athraichean agaibh. Oir ann an Crìosd Ìosa thàinig mise gus a bhith nam athair dhuibh san t‑soisgeul.


Mo chlann bheaga, dham bheil mi a‑rithist a' fulang saothair‑aiseid, gus an tèid Crìosd a dhealbh annaibh,


agus còmhla ris, Onesimus, bràthair dìleas is gràdhach, a tha dhib' fhèin. Nì iadsan aithnichte dhuibh mun t‑suidheachadh air fad a tha an seo.


Gu Timòteus, fìor leanabh tro chreideamh: Gràs, tròcair is sìth o Dhia an t‑Athair agus o Chrìosd Ìosa ar Tighearna.


Gu Tìtus, m' fhìor mhac a rèir creideimh coitchinn: Gràs is sìth o Dhia an t‑Athair agus o Chrìosd Ìosa ar Slànaighear.


a bha uaireigin gun fheum dhut, ach a tha a‑nis feumail dhutsa agus dhòmhsa.


Bu mhiann leam a chumail còmhla rium fhèin, airson 's gum frithealadh e dhomh nad àite‑sa, ann an sèinichean an t‑soisgeil.


Chan eil toileachas nas motha na sin agam, gun cluinninn gu bheil mo chlann a' coiseachd anns an fhìrinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan