Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Pòl, prìosanach Chrìosd Ìosa, agus Timòteus, ar bràthair, Gu Philemon gràdhach 's ar co‑obraiche,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Pòl, prìosanach Iosa Crìosd, agus Timòteus ar bràthair, a‑chum Philemoin as ionmhainn leinn, agus ar co‑shaothraiche,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Pòl, prìosanach Iosa Crìosd, agus Timòteus ar bràthair, a‑chum Philemoin as ionmhainn leinn, agus ar co‑shaothraiche,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Tha Pòl, a tha na phrìosanach air sgàth Iosa Crìosd, agus ar bràthair Timòteus a' cur na litir seo gu ar co‑obraiche gràdhach Philèmon,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Pol, priosanach Iosa Criosta, us Timoti, brathair, gu Philemon gradhach agus ar co-oibriche,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:1
18 Iomraidhean Croise  

Thàinig Pòl cuideachd gu Derbe is gu Listra. Agus bha deisciobal an sin dham b' ainm Timòteus, mac ban‑Iùdhaich a bha na creidmheach, ach b' e Greugach a bha na athair.


Oir is sinne co‑luchd‑obrach Dhè. Is sibhse achadh Dhè, togalach Dhè.


Pòl, abstol Chrìosd Ìosa tro thoil Dhè, agus Timòteus ar bràthair, Gu eaglais Dhè a th' ann an Corint, cuide ris na naoimh uile a th' ann an Achaia gu lèir:


Oir tha sibh uile nur mic do Dhia tro chreideamh ann an Crìosd Ìosa.


Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Chrìosd Ìosa air ur son‑se a Chinneacha –


Mar sin tha mise, prìosanach an Tighearna, a' guidhe oirbh gun coisich sibh ann an dòigh a tha iomchaidh dhan ghairm leis an deach ur gairm,


dham bheil mi nam thosgaire ann an sèidhnichean, airson 's gum bruidhinn mi gu dàna mu dheidhinn, mar as còir dhomh bruidhinn.


Pòl agus Timòteus, seirbheisich Chrìosd Ìosa, Gu na naoimh gu lèir ann an Crìosd Ìosa, a th' ann am Philipi, cuide ri na fir‑coimhid agus ris na dèaconan:


Ach shaoil mi gun robh e deatamach Epaphroditus – mo bhràthair 's mo cho‑obraiche 's mo cho‑shaighdear 's ur teachdaire‑se, agus an neach a fhritheil dham dhìth – a chur thugaibh.


Seadh, tha mi ag iarraidh ortsa cuideachd, a chompanaich dhìleis, na boireannaich seo a rinn saothair còmhla riumsa san t‑soisgeul a chuideachadh, cuide ri Clemens 's an còrr dhem cho‑luchd‑obrach, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.


Pòl, abstol Chrìosd Ìosa tro thoil Dhè, agus Timòteus am bràthair,


agus Ìosa, ris an canar Iustus. Is iadsan an aon fheadhainn dhen timcheall‑ghearradh a tha nan co‑luchd‑obrach dhòmhsa airson rìoghachd Dhè, agus tha iad air a bhith nan cofhurtachd dhomh.


Agus chuir sinn Timòteus thugaibh, ar bràthair agus co‑obraiche Dhè ann an soisgeul Chrìosd, gus an stèidhicheadh e sibh agus gum misnicheadh e sibh a thaobh ur creideimh.


Pòl agus Siluanus agus Timòteus, Gu eaglais nan Tesalònianach, ann an Dia ar n‑Athair agus an Tighearna Ìosa Crìosd:


Mar sin na biodh nàire ort mu theisteanas ar Tighearna, no dhìomsa, a phrìosanach‑san, ach gabh compàirt leamsa ann am fulang airson an t‑soisgeil, a rèir cumhachd Dhè.


Tha Epaphras, mo cho‑phrìosanach ann an Crìosd Ìosa a' cur fàilte ort,


agus Marcas, Aristarchus, Dèmas agus Lùcas, mo cho‑obraichean.


b' fheàrr leam guidhe ort as leth a' ghràidh, on is mise Pòl a tha nam sheann duine, agus a tha a‑nis cuideachd nam phrìosanach de Chrìosd Ìosa.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan