Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Mata 20:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 “Thuirt iadsan ris, ‘A chionn 's nach do rinn duine sam bith fastadh oirnn.’ “Thuirt esan riutha, ‘Thallaibh‑se cuideachd dhan fhìon‑lios.’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Thubhairt iad ris, A chionn nach do thuarasdalaich duine air bith sinn. Thubhairt esan riu, Imichibh-se mar an ceudna don ghàrradh-fhìona, agus ge bè nì a tha ceart, gheibh sibh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Thubhairt iad ris, A chionn nach do thuarasdalaich duine air bith sinn. Thubhairt esan riu, Imichibh‐se mar an ceudna don ghàrradh‐fhìona, agus ge bè nì a tha ceart, gheibh sibh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Thuirt iad ris: A chionn nach do chuir duine air bith muinntireas oirnn. Thuirt e riu: Theirigibhse cuideachd gu mʼ fhion-lios.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Mata 20:7
16 Iomraidhean Croise  

“Oir tha rìoghachd nèimh coltach ri maighstir‑taighe a chaidh a‑mach tràth sa mhadainn airson luchd‑obrach fhastadh dhan fhìon‑lios aige.


Agus mu chòig uairean feasgar, chaidh e a‑mach agus lorg e feadhainn eile nan seasamh. Agus thuirt e riutha, ‘Carson a tha sibh nur seasamh an seo fad an latha gu dìomhain?’


“Agus nuair a thàinig am feasgar, thuirt maighstir an fhìon‑lios ris an stiùbhard aige, ‘Gairm an luchd‑obrach, agus pàigh dhaibh an tuarastal, a' tòiseachadh leis an fheadhainn mu dheireadh gus a' chiad fheadhainn.’


Feumaidh sinn obraichean an aoin a chuir a‑mach mi a dhèanamh, cho fada 's a tha an latha ann. Tha an oidhche a' tighinn, nuair nach urrainn do neach sam bith obair a dhèanamh.


ag ràdh, “Dè a nì sinn leis na daoine seo? Oir tha e aithnichte gun deach comharra mìorbhaileach a dhèanamh tromhpa – follaiseach do luchd‑àiteachaidh Ierusaleim gu lèir – agus chan urrainn dhuinne sin àicheadh.


A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a stèidheachadh a rèir mo shoisgeul‑sa agus searmonachadh Ìosa Crìosd, a rèir taisbeanadh an dìomhaireachd a bh' air a chumail falaichte airson linntean fada,


le fios a bhith agaibh, ge b' e dè am math a nì gach aon agaibh, gum faigh e an rud seo fhèin air ais on Tighearna, eadar gum b' e tràill no saoranach a th' ann.


an dìomhaireachd a bha falaichte o na linntean agus o ghinealaich, ach a‑nis a th' air fhoillseachadh dha naoimh‑san,


Oir chan eil Dia cho neo‑fhìreanta 's gun dìochuimhnicheadh e ur saothair agus an gràdh a sheall sibh dha ainm, mar a rinn sibh frithealadh agus mar a tha sibh fhathast a' frithealadh dha na naoimh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan