Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Mata 12:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus thuirt e riutha, “Nach do leugh sibh mar a rinn Daibhidh nuair a bha acras air fhèin 's air an fheadhainn a bha còmhla ris,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha acras air fhèin, agus air a’ mhuinntir a bha maille ris;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha acras air fhèin, agus air a’ mhuinntir a bha maille ris;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Ach thuirt esan riu: Nach do leugh sibh ciod a rinn Dài, ʼs e air acras, ʼs an fheadhainn a bha comhla ris:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Mata 12:3
13 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Ìosa iad, “Nach do leugh sibhse an rud a rinn Daibhidh, nuair a bha acras air fhèin is orrasan a bha còmhla ris:


Nach do leugh sibh an Sgriobtar seo: “‘A' chlach a dhiùlt na clachairean, chaidh ceann an oisein a dhèanamh dhith;


Agus thuirt iad ris, “A bheil thu a' cluinntinn dè a tha iad sin ag ràdh?” Agus thuirt Ìosa riutha, “Tha. Nach do leugh sibhse riamh: ‘A‑mach à beul naoidhean agus chìochran dh'ullaich thu moladh’?”


Ach a thaobh nam marbh a bhith air an togail, nach do leugh sibh ann an leabhar Mhaois, sa chunntas mun phreas, mar a bhruidhinn Dia ris, ag ràdh, ‘Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Ìsaaic, agus Dia Iàcoib’?


Ach a‑thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an rud sin a chaidh a ràdh ribh le Dia,


No nach do leugh sibh anns an Lagh mar a tha na sagartan anns an teampall air an t‑Sàbaid a' briseadh na Sàbaid, agus iad neoichiontach?


Thuirt e ris, “Dè a tha sgrìobhte san lagh? Ciamar a tha thu ga leughadh?”


Fhreagair e, “Nach do leugh sibh, an t‑Aon a chruthaich iad anns an toiseach, ‘rinn e fireann agus boireann iad’


Ach nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thuirt iad ris, “Seall, tha do dheisciobail a' dèanamh rud nach eil laghail a dhèanamh air latha na Sàbaid.”


mar a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè agus a dh'ith e an t‑aran coisrigte, nach robh laghail dha fhèin ithe no dhaibhsan a bha còmhla ris, ach dha na sagartan a‑mhàin?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan