Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Mata 10:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Leighisibh an fheadhainn a tha tinn, togaibh na mairbh, glanaibh na lobhair, tilgibh a‑mach deamhainnean. An‑asgaidh fhuair sibh, an‑asgaidh thoiribh seachad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Lèighsibh an dream a tha tinn, glanaibh na lobhair, dùisgibh na mairbh, tilgibh a‑mach na deamhain: an asgaidh fhuair sibh, an asgaidh thugaibh uaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Lèighsibh an dream a tha tinn, glanaibh na lobhair, dùisgibh na mairbh, tilgibh a‑mach na deamhain: an asgaidh fhuair sibh, an asgaidh thugaibh uaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Leighisibh na daoine tinne, thugaibh beo na mairbh, glanaibh na lobhair, cuiribh a mach na deomhain: fhuair sibh a nasgaidh, thugaibh seachad a nasgaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Mata 10:8
15 Iomraidhean Croise  

Agus ghairm e thuige fhèin a dhà dheisciobal dheug agus thug e ùghdarras dhaibh thairis air spioradan neòghlan, airson an tilgeil a‑mach, agus airson a h‑uile tinneas is a h‑uile seòrsa bochdainn a shlànachadh.


Agus fhad 's a tha sibh a' siubhal, searmonaichibh, ag ràdh, ‘Tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.’


Na sealbhaichibh òr no airgead no umha airson ur sporain,


togaidh iad nathraichean len làmhan; agus ma dh'òlas iad puinnsean marbhteach sam bith, cha dèan e cron orra; cuiridh iad an làmhan air daoine tinn, agus bidh iad gu math.”


Leighisibh an fheadhainn a tha tinn ann, agus canaibh riutha, ‘Tha rìoghachd Dhè air tighinn faisg oirbh.’


Ach thuirt Peadar, “Airgead no òr chan eil agam, ach an rud a tha agam bheir mi dhut. Ann an ainm Ìosa Crìosd o Nàsaret, èirich 's coisich.”


fhad 's a shìneas tu a‑mach do làmh airson leigheas, agus a tha comharraidhean is iongantasan air an dèanamh trod sheirbheiseach naomh Ìosa.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan