Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Mata 10:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Agus fhad 's a tha sibh a' siubhal, searmonaichibh, ag ràdh, ‘Tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus air imeachd dhuibh, searmonaichibh, ag ràdh, Tha rìoghachd nèimh am fagas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus air imeachd dhuibh, searmonaichibh, ag ràdh, Tha rìoghachd nèimh am fagas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Agus air ur siubhal, searmonaichibh, a g-radh: Tha rioghachd fhlathanais faisg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Mata 10:7
19 Iomraidhean Croise  

Leighisibh an fheadhainn a tha tinn, togaibh na mairbh, glanaibh na lobhair, tilgibh a‑mach deamhainnean. An‑asgaidh fhuair sibh, an‑asgaidh thoiribh seachad.


Nuair a chrìochnaich Ìosa air àithntean a thoirt dhan dà dheisciobal dheug aige, chaidh e air adhart às a sin a theagasg is a shearmonachadh anns na bailtean aca.


“Cò dhen dithis a rinn toil athar?” Thuirt iadsan, “A' chiad fhear.” Thuirt Ìosa riutha, “Gu fìrinneach, tha mise ag ràdh ribh, tha na cìs‑mhaoir agus na siùrsaichean a' dol a‑steach do rìoghachd Dhè romhaibhse.


“Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gun tèid rìoghachd Dhè a thoirt uaibhse, agus gun tèid a toirt do shluagh a bheir a‑mach a toradh.


“Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir tha sibh a' dùnadh rìoghachd nèimh ann an aghaidhean dhaoine. Oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus cha leig sibh leis an fheadhainn a tha a' dol a‑steach a dhol ann.


ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”


On àm sin thòisich Ìosa air searmonachadh, ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”


Chaidh iad a‑mach agus shearmonaich iad gum bu chòir do dhaoine aithreachas a dhèanamh.


“Bha an Lagh agus na Fàidhean ann gu àm Eòin. On àm sin tha Deagh Sgeul rìoghachd Dhè air a shearmonachadh agus tha gach neach a' dol a‑steach innte le dian‑strì.


is chuir e a‑mach iad a shearmonachadh rìoghachd Dhè, agus a shlànachadh euslainteach.


Agus dh'fhalbh iad is chaidh iad tro na bailtean, a' searmonachadh an deagh sgeòil agus a' leigheas anns gach àite.


Ach thuirt Ìosa ris, “Leig le na mairbh am mairbh fhèin adhlacadh, ach thalla thusa agus cuir an cèill rìoghachd Dhè.”


Thàinig e gu Ìosa tron oidhche agus thuirt e, “A Rabaidh, is aithne dhuinn gur e neach‑teagaisg a th' annad a thàinig o Dhia: oir cha b' urrainn do neach sam bith na comharraidhean mìorbhaileach a dhèanamh a tha thusa a' dèanamh mura biodh Dia còmhla ris.”


Nuair a chaidh Peadar a‑steach, choinnich Cornelius ris agus thuit e sìos aig a chasan is rinn e adhradh dha.


a' searmonachadh rìoghachd Dhè agus a' teagasg mun Tighearna Ìosa Crìosd le làn‑dhànachd is gun bhacadh.


fo dhragh mòr a chionn 's gun robh iad a' teagasg an t‑sluaigh agus a' searmonachadh aiseirigh o na mairbh tre Ìosa.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan