Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Mata 10:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Philip agus Bartolomèus; Tòmas agus Mata an cìs‑mhaor; Seumas mac Alphèuis, agus Tadèus;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs-mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs‐mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Seumas mac Shebede, us Eoin a bhrathair, Philip, ʼs Bartholomé, Tomas, agus Matu an cismhaor, Seumas Alpheuis, agus Thadeus,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Mata 10:3
30 Iomraidhean Croise  

Ach ma dhiùltas e èisteachd riuthasan, innis dhan eaglais e. Agus ma dhiùltas e fiù 's èisteachd ris an eaglais, biodh e dhut mar Chinneach agus mar chìs‑mhaor.


nam measg bha Màiri Magdalen, agus Màiri màthair Sheumais agus Iòsaiph, agus màthair mic Shebede.


Fhad 's a bha Ìosa a' dol air adhart à sin, chunnaic e duine dham b' ainm Mata, na shuidhe aig bùth na cìse, agus thuirt e ris, “Lean mise.” Agus dh'èirich e is lean e e.


Bha boireannaich cuideachd a' coimhead o phìos às; nam measg sin bha Màiri Magdalen, agus Màiri màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme.


Agus a' gabhail seachad, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig bùth na cìse agus thuirt e ris, “Lean mise.” Agus dh'èirich e is lean e e.


Anndra, Philip, Bartolomèus, Mata, Tòmas, Seumas mac Alphèuis, Tadèus, Sìmon an Canàanach;


“Chaidh dithis fhear suas dhan teampall a dh'ùrnaigh, fear dhiubh na Pharasach 's am fear eile na chìs‑mhaor.


Sheas am Pharasach agus rinn e an ùrnaigh seo ris fhèin: ‘A Dhè, tha mi a' toirt taing dhut nach eil mi mar a tha daoine eile – sanntach, eucorach, adhaltranach – no fiù 's coltach ris a' chìs‑mhaor seo.


“Ach, a' seasamh fad' às, cha togadh an cìs‑mhaor fiù 's a shùilean suas gu nèamh, ach bhuail e a chom, ag ràdh, ‘A Dhia, bi tròcaireach riumsa, am peacach!’


Agus seall, bha duine an sin air an robh an t‑ainm Sachèus. B' e àrd‑chìs‑mhaor a bh' ann, agus bha e beairteach.


Às dèidh seo chaidh e a‑mach, agus chunnaic e cìs‑mhaor air an robh an t‑ainm Lèbhi na shuidhe aig bùth na cìse. Agus thuirt e ris, “Lean mise.”


“Ciamar as aithne dhut mi?” dh'fhaighnich Natànael. Fhreagair Ìosa, “Chunnaic mi thu nuair a bha thu fhathast fon chrann‑fhìge mun do ghairm Philip ort.”


An uair sin thuirt Tòmas (ris an canar Didimus) ri a cho‑dheisciobail, “Rachamaid‑ne cuideachd, airson 's gum faod sinn bàsachadh còmhla ris.”


Thuirt Iùdas (chan e Iscariot) ris, “A Thighearna, carson a dh'fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin dhan t‑saoghal?”


Thuirt Tòmas ris, “A Thighearna, chan eil fios againn càit a bheil thu a' dol; ciamar as urrainn eòlas a bhith againn air an t‑slighe?”


Thuirt Ìosa ris, “A bheil mise air a bhith ùine cho fada còmhla ribh, agus nach aithne dhut fhathast mi, Philip? An neach a chunnaic mise, chunnaic e an t‑Athair. Ciamar as urrainn dhut a ràdh, ‘Foillsich an t‑Athair dhuinne’?


bha Sìmon Peadar, agus Tòmas (ris an canar Didimus) agus Natànael o Chàna Ghalile, agus mic Shebede, agus dithis eile dhe a dheisciobail, còmhla ri chèile.


Agus nuair a bha iad air a dhol a‑steach, chaidh iad suas dhan t‑seòmar a b' àirde, far an robh iad a' fuireach: Peadar is Eòin agus Seumas is Anndra, Philip is Tòmas, Bartolomèus is Mata, Seumas mac Alphèuis is Sìmon Selotes agus Iùdas mac Sheumais.


Ach a' smèideadh riutha le a làimh gum biodh iad sàmhach, chuir e an cèill dhaibh mar a bha an Tighearna air a thoirt às a' phrìosan. Agus thuirt e, “Innsibh na rudan seo do Sheumas agus dha na bràithrean.” An uair sin dh'fhàg e agus chaidh e a dh'àite eile.


Às dèidh dhaibh sgur a bhruidhinn, fhreagair Seumas, “A bhràithrean, èistibh riumsa:


An ath latha chaidh Pòl a‑steach còmhla rinn gu Seumas, agus thàinig na h‑èildearan gu lèir còmhla.


Ach chan fhaca mi gin dhe na h‑abstoil eile, ach Seumas a‑mhàin, bràthair an Tighearna.


agus ag aithneachadh a' ghràis a chaidh a thoirt dhomh, thug Seumas is Cèphas is Eòin – a bh' air am meas a bhith nan colbhan – dhòmhsa is do Bharnabas deas‑làimh a' chomainn airson 's gun deigheadh sinne gu na Cinnich agus iadsan chun an timcheall‑ghearraidh.


Seumas, seirbheiseach Dhè agus an Tighearna Ìosa Crìosd, Chun an dà threubh dheug a th' air an sgapadh: Fàilte!


Iùdas, seirbheiseach Ìosa Crìosd agus bràthair Sheumais: Thucasan a th' air an gairm, gràdhaichte ann an Dia an t‑Athair, agus air an gleidheadh le Ìosa Crìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan