Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Mata 1:23 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

23 “Seallaibh, bidh an òigh torrach agus beiridh i mac, agus gabhaidh iad Emanuel air” (a tha a' ciallachadh, ‘Dia còmhla rinn’).

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar‐theangachadh, Dia maille rinn.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

23 Seall, bithidh oigh leth-tromach, agus beiridh i mac, us bheir iad Emmanuel mar ainm air, se sin air eadar-theangachadh, Dia maille ruinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Mata 1:23
18 Iomraidhean Croise  

Nuair a dhùisg Iòsaph às a chadal, rinn e mar a dh'iarr aingeal an Tighearna air: ghabh e a bhean thuige,


a' teagasg dhaibh a bhith a' cumail a h‑uile rud a dh'àithn mise dhuibh. Agus seall, tha mise còmhla ribh an‑còmhnaidh, gu deireadh na linne.”


“Tha Daibhidh mar sin a' gabhail ‘Tighearna’ air. Ciamar mar sin a tha e na mhac dha?”


Chaidh am Facal a dhèanamh na fheòil agus ghabh e còmhnaidh nar measg. Chunnaic sinne a ghlòir‑san, mar ghlòir an Aonghin on Athair, làn gràis agus fìrinn.


Agus thuirt an Tighearna ri Pòl san oidhche ann an sealladh, “Na bi fo eagal, ach cùm ort a' bruidhinn agus na bi sàmhach,


Dè mar sin a chanas sinn ri na rudan sin? Ma tha Dia air ar son, cò as urrainn a bhith nar n‑aghaidh?


Dhaibhsan buinidh na prìomh‑athraichean, agus uapasan, a rèir na feòla, tha an Crìosd a tha os cionn gach nì, beannaichte le Dia gu sìorraidh. Amen.


mar a bha Dia, ann an Crìosd, a' dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a' cunntadh am peacaidhean nan aghaidh, agus dh'earb e rinne facal na rèite.


Agus feumaidh e a bhith air aideachadh gur mòr dìomhaireachd na diadhaidheachd: a bh' air fhoillseachadh san fheòil, air a dhearbhadh fìreanta leis an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air a shearmonachadh am measg nan Cinneach, a chaidh creidsinn ann anns an t‑saoghal, 's a bha air a thogail suas ann an glòir.


Ach sheas an Tighearna còmhla rium agus neartaich e mi, airson 's, tromhamsa, gum biodh an teachdaireachd air a cur an cèill gu h‑iomlan, is gus an cluinneadh na Cinnich gu lèir i, 's bha mi air mo shaoradh à beul an leòmhainn.


Gum biodh an Tighearna led spiorad. Gràs leibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan