Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Mata 1:20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 Ach fhad 's a bha e a' smaoineachadh mu na rudan seo, seallaibh, nochd aingeal an Tighearna ris ann an aisling, ag ràdh, “Iòsaiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort Moire a ghabhail mar bhean, oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Ach aig smaoineachadh nan nithean sin dha, feuch, dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha ann am bruadar, ag ràdh, A Iòseiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort do bhean Muire a ghabhail ad ionnsaigh: oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Ach aig smaoineachadh nan nithean sin dha, feuch, dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha ann am bruadar, ag ràdh, A Iòseiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort do bhean Muire a ghabhail ad ionnsaigh: oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Ach mar bha e smaoineachadh air so, seall, thaisbean aingeal an Tighearna e fhein dha ʼna chadal, a g-radh: Ioseiph, a mhic Dhài, na biodh eagal ort do bhean Moire a ghabhail ga tʼionnsuidh; oir na tha air a giulan, ʼsann bhoʼn Spiorad Naomh a tha e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Mata 1:20
38 Iomraidhean Croise  

A‑nis seo mar a bha breith Ìosa Crìosd: nuair a bha a mhàthair Moire air ceangal‑pòsaidh a dhèanamh le Iòsaph, mus tàinig iad còmhla, chaidh a faighinn torrach on Spiorad Naomh.


Agus às dèidh dhaibh rabhadh fhaighinn ann an aisling – gun tilleadh gu Herod – dh'fhàg iad airson an dùthaich fhèin air slighe eile.


A‑nis nuair a bha iad air fàgail, seallaibh, nochd aingeal leis an Tighearna ri Iòsaph ann an aisling, ag ràdh, “Èirich! Gabh am pàiste agus a mhàthair, is teich dhan Èipheit, agus fan an sin gus an innis mise dhut, oir tha Herod a' dol a choimhead airson a' phàiste, airson cur às dha.”


Ach nuair a chaochail Herod, seall, nochd aingeal leis an Tighearna ann an aisling ri Iòsaph anns an Èipheit


Ach nuair a chuala e gu robh Archelaus a' riaghladh ann an tìr Iudèa an àite Heroid athair, bha an t‑eagal air a dhol an sin. Ach às dèidh dha rabhadh fhaighinn ann an aisling, thill e gu sgìre Ghalile,


Fhad 's a bha e na shuidhe air cathair a' bhreitheanais, chuir a bhean fios thuige, ag ràdh, “Na gabh gnothach sam bith ris an fhìrean sin, oir tha mi air mòran fhulang an‑diugh ann am bruadar air a sgàth‑san.”


Ach thuirt an t‑aingeal ris na boireannaich, “Na biodh eagal oirbh, oir tha fios agam gu bheil sibh a' sireadh Ìosa a chaidh a cheusadh.


Agus fhreagair an t‑aingeal e, “Is mise Gàbriel a tha a' seasamh mu choinneamh Dhè, agus chaidh mo chur airson bruidhinn riutsa agus an naidheachd mhath seo a thoirt thugad.


Chaidh Iòsaph cuideachd suas o Ghalile, à baile Nàsaret, gu Iudèa, gu baile Dhaibhidh, ris an canar Betlehem, a chionn 's gum buineadh e do theaghlach agus do shliochd Dhaibhidh,


Ach san oidhche dh'fhosgail aingeal dhen Tighearna dorsan a' phrìosain agus threòraich e a‑mach iadsan, agus thuirt e,


Dèanamaid aoibhneas is dèanamaid toileachas, agus thoireamaid a' ghlòir dhàsan, oir tha banais an Uain air tighinn, agus tha a bhean‑san air i fhèin ullachadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan