Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 9:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Agus fhad 's a bha iad a' tighinn a‑nuas on bheinn, dh'àithn e dhaibh gun na rudan a chunnaic iad innse do neach sam bith, gus am biodh Mac an Duine air èiridh o na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus aig teachd dhaibh a‑nuas on bheinn, dh’àithn e dhaibh gun na nithean a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine a‑rìs o na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus aig teachd dhaibh a‑nuas on bheinn, dh’àithn e dhaibh gun na nithean a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine a‑rìs o na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

9 Nuair a bha iad a' tighinn a‑nuas ás a' bheinn, thug e òrdugh dhaibh gun dad a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine o na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Us ghleidh iad am facal aca fhein, a cur cheisd air a cheile, ciod a bʼe: gus an eireadh e bho na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 9:9
15 Iomraidhean Croise  

Cha dèan e aimhreit agus cha ghlaodh e; cha mhotha a chluinneas neach sam bith a ghuth air na sràidean.


Oir dìreach mar a bha Iònah trì latha is trì oidhcheannan ann am broinn a' chreutair‑mara mhòir, 's ann mar sin a bhios Mac an Duine trì latha is trì oidhcheannan ann an cridhe na talmhainn.


On àm sin thòisich Ìosa air sealltainn dha dheisciobail gum feumadh esan a dhol gu Ierusalem agus mòran rudan fhulang o na h‑èildearan, o na h‑àrd‑shagartan is o na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air an treas latha a bhith air a thogail suas.


ag ràdh, “A thighearna, tha cuimhn' againn nuair a bha am mealltair ud fhathast beò, gun tuirt e, ‘Às dèidh trì latha èiridh mi.’


Agus thuirt Ìosa ris, “Feuch nach innis thu rud sam bith do neach sam bith. Ach thalla agus seall thu fhèin dhan t‑sagart agus tairg an tiodhlac, mar fhianais dhaibh, a dh'àithn Maois.”


Agus thug e òrdugh teann dhaibh nach bu chòir fios a bhith aig neach sam bith air a seo, agus thuirt e riutha rudeigin a thoirt dhi ri ithe.


Agus dh'àithn Ìosa dhaibh gun innse do neach sam bith. Ach mar bu mhotha a dh'àithn esan dhaibh, 's ann a bu mhotha gu h‑eudmhor a rinn iadsan aithris air.


Chùm iad an gnothach aca fhèin, a' deasbad dè a bh' ann an ‘èirigh o na mairbh’.


Sa bhad, nuair a choimhead iad mun cuairt, chan fhaca iad neach sam bith còmhla riutha ach Ìosa a‑mhàin.


Agus thuirt e riutha, “Mar seo tha e sgrìobhte, gum feumadh an Crìosd fulang agus èirigh o na mairbh air an treas latha,


Nuair a bha an guth air bruidhinn, chaidh Ìosa a lorg na aonar. Dh'fhan iadsan sàmhach agus cha do dh'innis iad do neach sam bith anns na làithean sin aon rud mu na bha iad air fhaicinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan