Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 9:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Sa bhad, nuair a choimhead iad mun cuairt, chan fhaca iad neach sam bith còmhla riutha ach Ìosa a‑mhàin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus air ball, nuair a dh’amhairc iad mun timcheall, chan fhaca iad neach air bith à sin suas, ach Iosa na aonar maille riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus air ball, nuair a dh’amhairc iad mun timcheall, chan fhaca iad neach air bith à sin suas, ach Iosa na aonar maille riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

8 Sheall iad man cuairt san dearbh mhionaid sin, 's chan fhaca iad duine tuilleadh ach Iosa fhèin còmhla riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 ʼSa tearnadh bhoʼn bheinn, dhʼàithn e orra, gun iad a dhʼ innse do neach air bith nan nichean a chunnaic iad, gus an eireadh Mac an duine bho na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 9:8
6 Iomraidhean Croise  

An uair sin thàinig sgòth a chuir sgàile orra, agus thàinig guth às an sgòth, ag ràdh, “Is e seo mo Mhac gràdhaichte; èistibh ris‑san!”


Agus fhad 's a bha iad a' tighinn a‑nuas on bheinn, dh'àithn e dhaibh gun na rudan a chunnaic iad innse do neach sam bith, gus am biodh Mac an Duine air èiridh o na mairbh.


Agus chaidh an sùilean fhosgladh agus dh'aithnich iad e. Is chaidh e às an t‑sealladh orra.


Nuair a bha an guth air bruidhinn, chaidh Ìosa a lorg na aonar. Dh'fhan iadsan sàmhach agus cha do dh'innis iad do neach sam bith anns na làithean sin aon rud mu na bha iad air fhaicinn.


Thachair seo trì tursan, agus sa bhad chaidh an rud a thoirt suas gu nèamh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan