Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 9:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Oir ge b' e cò a bheir cupa uisge dhuibhse ri òl nam ainm‑sa, a chionn 's gur ann le Crìosd a tha sibh, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Oir ge bè neach a bheir cupan uisge dhuibhse ra òl ann am ainm-sa, a chionn gur le Crìosd sibh, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Oir ge bè neach a bheir cupan uisge dhuibhse ra òl ann am ainm‐sa, a chionn gur le Crìosd sibh, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

41 Ma bheir duine sam bith deoch uisge dhuibh ri h‑òl nam ainm-sa, a chionns gur ann le Crìosd a tha sibh, gu fìrinneach tha mi ag ràdh ruibh gum bi a dhuais cinnteach dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Agus co sa bith bheir sgainneal do h-aon deʼn fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, bʼfhearr dha clach mhuilinn a bhith crochte mu amhaich, ʼsa bhith air a thilgeil sa mhuir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 9:41
11 Iomraidhean Croise  

Agus ge b' e cò a bheir fiù 's cupa uisge fuar do dh'aon dhen fheadhainn bheaga seo, a chionn 's gur e deisciobal a th' ann, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais air chor sam bith.”


“Agus freagraidh an Rìgh iad, ‘Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, chun na h‑ìre a rinn sibh e do dh'aon dhe na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.’


Nuair a bha e na aonar, dh'fhaighnich iadsan a bha mun cuairt air, còmhla ris an dà fhear dheug, mu dheidhinn na cosamhlachd.


Oir ma tha do bhràthair air a leòn le na tha thu ag ithe, chan eil thu tuilleadh a' coiseachd a rèir gràidh. Na sgrios, le na tha thu ag ithe, an neach dhan do bhàsaich Crìosd.


Chan eil sibhse, ge‑tà, anns an fheòil ach anns an Spiorad, ma tha Spiorad Dhè dha‑rìribh a' còmhnaidh annaibh. Ach mura h‑eil Spiorad Chrìosd aig neach sam bith, cha bhuin e dha.


Ach gach neach na òrdugh fhèin: Crìosd a' chiad‑thoradh, às dèidh sin iadsan a tha le Crìosd aig a thighinn.


agus is ann le Crìosd a tha sibhse, agus is ann le Dia a tha Crìosd.


Tha sibh a' coimhead air rudan mar a tha iad air an taobh a‑muigh. Ma tha neach sam bith cinnteach às fhèin, gur ann le Crìosd a tha e, cuimhnicheadh e air a seo a‑rithist ann fhèin: dìreach mar as ann le Crìosd a tha esan, gur ann a tha sinne cuideachd.


Agus mas ann le Crìosd a tha sibh, mar sin is sibhse sìol Abrahàim, oighreachan a rèir a' gheallaidh.


A‑nis, iadsan a bhuineas do Chrìosd Ìosa, cheus iad an fheòil le a droch‑thograidhean 's a h‑ana‑miannan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan