Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 9:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 Agus ge b' e cuin a ghreimicheas e air, tha e ga thilgeil sìos, agus tha cop ma bheul agus tha e a' gìosgarnaich fhiaclan agus fàsaidh e rag. Agus bhruidhinn mi ri do dheisciobail airson 's gun tilgeadh iad a‑mach e, ach cha b' urrainn dhaibh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Agus ge bè ionad sam bith anns an glac e e, tha e ga tharraing as a chèile; agus tha e a’ cur cobhair as a bheul, agus a’ gìosgarnaich le fhiaclan, agus tha e a’ seargadh as: agus thubhairt mi rid dheisciobail, iad ga chur a‑mach, agus cha b’urrainn iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Agus ge bè ionad sam bith anns an glac e e, tha e ga tharraing as a chèile; agus tha e a’ cur cobhair as a bheul, agus a’ gìosgarnaich le fhiaclan, agus tha e a’ seargadh as: agus thubhairt mi rid dheisciobail, iad ga chur a‑mach, agus cha b’urrainn iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

18 Aite sam bith san glac e e, bidh e ga thilgeil air an làr. Bidh an gille a' cur cop a‑mach ás a bheul, a' dìosgail le fhiaclan, 's a' fàs rag. Dh'iarr mi air do dheisciobail an spiorad a chur a‑mach ás, ach bha e thar an comais.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 ʼSa freagairt thuirt e: O ghinealaich ana-creidich, cia fhad a bhitheas mi mar-ribh? cia fhad a chuireas mi suas ribh? thugaibh gam ionnsuidh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 9:18
16 Iomraidhean Croise  

Agus seall, thàinig boireannach Canàanach on cheàrnaidh sin agus thòisich i air èigheach air, “Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean a' fulang gu truagh le deamhan a th' innte.”


Thug mi gu do dheisciobail e, agus cha b' urrainn dhaibh a leigheas.”


ach gun tèid clann na rìoghachd a thilgeil dhan dorchadas as fhaide a‑muigh. An sin bidh caoineadh is gìosgan fhiaclan.”


Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò a chanas ris a' bheinn seo, ‘Bi air do thogail agus air do thilgeil dhan mhuir,’ agus nach bi fo amharas‑cridhe, ach a chreideas gun tachair an rud a chanas e, thèid a dhèanamh dha.


Agus fhreagair aon dhen t‑sluagh e, “Fhir‑Teagaisg, thug mi mo mhac thugad, oir tha spiorad aige a tha ga dhèanamh balbh.


Agus fhreagair esan iad, “O a ghinealaich eas‑creidmhich, dè cho fada 's a bhios mi còmhla ribh? Dè cho fada 's a dh'fhuilingeas mi sibh? Thugaibh thugamsa e.”


Agus thug iad am balach thuige. Nuair a chunnaic an spiorad e, sa bhad chrath e e, agus thuit e chun na talmhainn agus roilig e mun cuairt, le cop ma bheul.


Agus às dèidh èigheach agus a chrathadh gu mòr, chaidh e a‑mach às; agus bha am balach cho coltach ri aon a bha marbh is gun tuirt mòran, “Tha e marbh!”


A‑nis nuair a chuala iad na rudan seo, bha iad air an cur air bhoil nan cridhe, agus bha iad a' gìosgail am fiaclan ris.


Suailean garbha a' chuain, a' cur uapa cop an nàire fhèin, rionnagan seachranach dha bheil duibhre an dorchadais air a ghleidheadh gu sìorraidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan