Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 9:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Agus thuirt esan riutha, “Tha Eliah a' tighinn an toiseach airson a h‑uile rud aiseag; ach ciamar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e a' dol a dh'fhulang tòrr rudan agus gu bhith air a chur ann an dìmeas?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thig Elias gu deimhinn air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean, agus mar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e gu mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a chur an dìmeas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thig Elias gu deimhinn air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean, agus mar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e gu mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a chur an dìmeas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

12 Fhreagair e iad, “Gu cinnteach thig Eliah an toiseach, agus cuiridh e a h‑uile nì air dòigh. Nach eil e sgrìobhte mu Mhac an Duine gum feum e mòran fhulang 's a bhith air a chur suarach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Ach tha mi g-radh ribh, gun tainig Elias, (ʼs gun dʼrinn iad air gach ni bʼaill leo) mar tha sgribhte uime.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 9:12
30 Iomraidhean Croise  

On àm sin thòisich Ìosa air sealltainn dha dheisciobail gum feumadh esan a dhol gu Ierusalem agus mòran rudan fhulang o na h‑èildearan, o na h‑àrd‑shagartan is o na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air an treas latha a bhith air a thogail suas.


Thèid Mac an Duine air falbh dìreach mar a tha e sgrìobhte ma dheidhinn, ach is mairg dhan fhear sin leis an tèid Mac an Duine a bhrath; bhiodh e na b' fheàrr dhan duine sin mura robh e air a bhreith riamh.”


ag ràdh, “Seall, tha sinn a' dol suas gu Ierusalem, agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis dha na h‑àrd‑shagartan agus dha na sgrìobhaichean, agus dìtidh iad gu bàs e agus bheir iad thairis dha na Cinnich e.


Ach tha mise ag innse dhuibh gu bheil Eliah dha‑rìribh air tighinn, agus rinn iad ris gach nì a thogair iad, a rèir mar a tha e sgrìobhte ma dheidhinn.”


oir bha e a' teagasg a dheisciobal, ag ràdh riutha, “Tha Mac an Duine gus a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine, agus marbhaidh iad e. Agus às dèidh dhaibh a mharbhadh, às dèidh trì latha èiridh e a‑rithist.”


Agus thusa, a leanaibh, thèid fàidh an Aoin as àirde a ghabhail ort; oir thèid thu ron Tighearna, a dh'ullachadh a shlighean,


An uair sin chuir Herod agus a shaighdearan ann an suarachas e agus rinn iad magadh air. Agus às dèidh a sgeadachadh ann an aodach àlainn, chuir e air ais gu Pìlat e.


A‑nis thug aon dhe na h‑eucoraich a chaidh a chrochadh toibheum dha, ag ràdh, “Nach tusa an Crìosd? Saor thu fhèin agus sinne!”


Mar sin nuair a bha iad air tighinn còmhla, dh'fhaighnich iad dha, “A Thighearna, an ann aig an àm seo a dh'aisigeas tu an rìoghachd do dh'Israel?”


Is esan “‘a' chlach a chaidh a dhiùltadh leibhse, an luchd‑togail, a thàinig gus a bhith na clach‑cinn an oisein.’


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan