Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 9:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Chùm iad an gnothach aca fhèin, a' deasbad dè a bh' ann an ‘èirigh o na mairbh’.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus ghlèidh iad a’ chainnt seo aca fhèin, a’ fiosrachadh de chèile ciod a bu chiall don aiseirigh o na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus ghlèidh iad a’ chainnt seo aca fhèin, a’ fiosrachadh de chèile ciod a bu chiall don aiseirigh o na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

10 Ghreimich iad air an fhacal sin, “èirigh o na mairbh”, 's bha iad a' beachdachadh dè bha e a' ciallachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Agus dhʼfharraid iad dheth, a g-radh: Car-son ma ta tha na Phairisich ʼs na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 9:10
15 Iomraidhean Croise  

Agus thug Peadar gu aon taobh e is thòisich e ga chronachadh, ag ràdh, “Gun deigheadh tròcair a dhèanamh ort, a Thighearna! Cha tachair sin gu bràth dhutsa!”


Agus dh'fhaighnich iad dha, “Carson a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gum feum Eliah tighinn an toiseach?”


Ach cha do thuig iad an abairt, agus bha an t‑eagal orra faighneachd dha.


Agus fhad 's a bha iad a' tighinn a‑nuas on bheinn, dh'àithn e dhaibh gun na rudan a chunnaic iad innse do neach sam bith, gus am biodh Mac an Duine air èiridh o na mairbh.


Cha do thuig a dheisciobail na rudan seo aig an àm, ach nuair a chaidh Ìosa a ghlòrachadh, an uair sin chuimhnich iad gun robh na rudan seo sgrìobhte ma dheidhinn, agus gun deach na rudan seo a dhèanamh air a shon.


Rinn cuid dhe na feallsanaich Epicurach agus Stòiceach cuideachd còmhradh ris. Bha cuid ag ràdh, “Dè a tha an cabadair seo ag iarraidh a chantainn?” Bha cuid eile ag ràdh, “Is coltach gur e searmonaiche dhiathan coimheach a th' ann” – a chionn 's gun robh e a' searmonachadh Ìosa agus na h‑aiseirigh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan