Marcus 8:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20176 Agus thug e òrdugh dhan t‑sluagh suidhe sìos air an talamh. Agus ghabh e na seachd lofaichean, agus às dèidh dha taing a thoirt, bhris e iad, agus thug e dha dheisciobail iad, airson an cur mun coinneamh; agus chuir iad sìos mu choinneamh an t‑sluaigh iad. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19926 Agus thug e òrdagh don t‑sluagh suidhe sìos air an làr: agus ghlac e na seachd buileannan, agus air toirt buidheachais, bhris e, agus thug e iad da dheisciobail, a‑chum gun cuireadh iad nan làthair iad: agus chuir iad sìos an làthair an t‑sluaigh iad. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19926 Agus thug e òrdagh don t‑sluagh suidhe sìos air an làr: agus ghlac e na seachd buileannan, agus air toirt buidheachais, bhris e, agus thug e iad da dheisciobail, a‑chum gun cuireadh iad nan làthair iad: agus chuir iad sìos an làthair an t‑sluaigh iad. Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 19866 Dh'iarr e air an t‑sluagh suidhe air an talamh. Ghabh e na seachd bonnaich, 's nuair a thug e taing do Dhia air an son, bhrist e iad. Thug e an‑uairsin dha dheisciobail iad gus an roinn air an t‑sluagh, agus riaraich iadsan na daoine leo. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 18756 Agus dhʼorduich e doʼn t-sluagh suidhe air an làr. ʼSa glacail nan seachd builionnan, ʼsa toirt buidheachais, bhrist e, us thug e dha dheisciopuil iad gus an cur air am bialaobh, agus chuir iad air bialaobh an t-sluaigh iad. Faic an caibideil |